Hebridean Princess a' dol às ùr

Hebridean Princess

Tha am bàta-turais prìobhaideach, an Hebridean Princess, air ais ann an seirbheis às dèidh dhan turas mu dheireadh aice crìochnachadh gu grad ann an Steòrnabhagh.

B'fheudar dhan luchd-siubhail a bh' orra tilleadh gu Tìr Mòr air an MV Loch Seaforth.

Tha cuid de na tursan air an Hebridean Princess a' cosg £6,500.

'S ann le Hebridean Island Cruises, a tha stèidhichte ann an Yorkshire, a tha am bàta.

Adhbhar teicnigeach

Thuirt labhraiche dhaibh gum b'fheudar an turas air an 20mh dhen Cheitean a thoirt gu ceann tràth air adhbhar teicnigeach.

Cha tuirt iad càil mu aithrisean san sgìre gun robh duilgheadas ann le barrantas luchd-siubhail a' bhata.

Dh'fhàg i an t-Òban oidhche Mhàirt air turas seachd là a Hiort am measg àiteachan eile.

Tha an teaglach rìoghail air an Hebridean Princess a chleachdadh 'son tursan timcheall air eileanan na h-Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile