Leabhar ùr mun Iolaire

Cladh
Image caption Chaill 205 duine am beatha ann an tubaist na h-Iolaire faisg air Steòrnabhagh is iad a' tilleadh dhachaigh bho uabhas a' Chogaidh Mhòir.

Thèid call na h-Iolaire a chomharrachadh le leabhar ùr ann an Gàidhlig is Beurla.

Chaidh an t-soitheach fodha faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean is saighdearan bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 205 de na bha air bòrd am beatha.

Le 100 bliadhna a' teannadh dlùth bhon tubaist, tha an Lanntair, Taigh-tasgaidh ùr nan Eilean, agus a' chompanaidh foillseachaidh Acair ag obair 'son an tubaist a chomharrachadh.

Bidh pròiseactan ealain ann mar dhòigh air cuimhne a chumail air na thachair an oidhche ud, 's an dìleab a dh'fhàg e sna h-Eileanan.

Tha Acair air a bhith ag obair air an leabhar còmhla ri Malcolm Dòmhnallach is Dòmhnall Iain MacLeòid.

"Tha iad air a bhith a' dèanamh rannsachaidh mhòir, farsaing air na thachair timcheall an Iolaire", thuirt stiùiriche Acair, Agnes Rennie.

"Nuair a chaidh i sìos agus na thachair dhan fheadhainn a bh' oirre a thàinig beò àiste.

"Tha na tha sin de dh'fhiosrachadh aca air a thoirt cruinn ann an aon leabhar, is tha Acair uabhasach moiteil gur ann thugainn a thàinig iad airson cothrom an leabhar a chur a-mach.

"Tha sinn a-nise air ceum eile a ghabhail leis gu bheil sinn a' dol ann an co-bhann leis an taigh-tasgaidh agus an Lanntair.

"Tha sinn a' coimhead gum bi an leabhar na phàirt de chlàr de thachartasan", thuirt i.

Ged a tha grunn leabhraichean mun Iolaire ann mar-thà, thathas a' gealltainn gum bi fiosrachadh ùr ann.

Thuirt a' Bh.Ph. Rennie gu bheil Malcolm Dòmhnallach is Dòmhnall Iain MacLeòid air rannsachadh mionaideach a dhèanamh air an t-soitheach fhèin, is cuideachd air a h-uile duine a bha air bòrd, an fheadhainn a chaill am beatha is an fheadhainn eile a thàinig às an uabhas beò, is na thachair dhaibhsan às dèidh na tubaiste.

'S e buille uabhasach a bh' anns an tubaist dha Leòdhas is na Hearadh, is rud a thug buaidh mhòr air a' ghinealach a bh' ann agus an fheadhainn a thàinig às an dèidh.

Tha Agnes Rennie ag ràdh a-nise, le cha-mhòr 100 bliadhna air a dhol seachad, gu bheil i den bheachd gu bheil an sgìre comasach air coimhead air a' ghnothach le sealladh diofraichte.

"Tha mi an dòchas mar eilean, is chan eil an seo ach mo bheachd fhèin, gu bheil sinn air gluasad air adhart.

"Tha mi an dòchas gu bheil sinn air ionnsachadh bhuaithe agus nach dìochuimhnich sinn e, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil an ginealach a tha a' tighinn suas an-diugh, gu bheil ùidh mhòr aca anns na thachair, is tha mi a' smaoineachadh na tha air a sgrìobhadh is na tha de chòmhradh air a dhèanamh mun Chiad Chogadh, gu bheil e a' toirt orra tòrr smaoineachaidh a dhèanamh.

"Tha iad cuideachd a' faicinn gu bheil sinn an-diugh ann an coimhearsnachd a tha beò ann an saoghal eile, is tha mi a' smaoineachadh gu bheil misneachd aca nach robh aig na ginealaichean a thàinig às dèidh a' Chiad Chogaidh.

"S e rud math a tha sin", thuirt i.