Coir Uisg
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An 'Coir' Uisg' a' tilleadh

1 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thathas a' tuigsinn gun tèid bàt'-aiseig a' Choir' Uisg' a chur air ais air an t-seirbheis eadar Malaig agus Aramdal.

Chaidh an soitheach a ghluasad aig toiseach clàr-ama an t-samhraidh airson na slighe eadar Muile às an Òban a fhrithealadh.

Ach chaidh iomairt mhòr a chur air bhonn ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus Lochabair gus an aiseag a thilleadh, 's dragh mòr air a bhith ann mun t-seirbheis 's na mìosan a chaidh seachad.

Tha an aithris seo aig Calum MacIlleathain.