Stiùriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na Gàidhlig

Dh'innis Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad air Mona Wilson fhasdadh mar stiùiriche foghlaim.

'S e dreuchd ùr a tha seo, is am Bòrd ag ràdh gur e tè "de na dreuchdan as cudromaiche a th' ann am Foghlam na Gàidhlig" a bhios innte.

'S ann à Leòdhas a tha Mona Wilson bho thùs.

Tha i air a bhith ag obair aig Oilthigh Srath Chluaidh bho 1999 mar òraidiche foghlaim, agus an uair sin mar àrd-òraidiche ann an Gàidhlig.

Bha i na tidsear sgoile 'son grunn bhliadhnaichean cuideachd.

Dh'innis am Bòrd gum bi i os cionn sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig agus a' stiùireadh phoileasaidhean foghlaim a' Bhùird.

Comhairle

Mar phàirt den obair, bheir i cuideachd comhairle do Riaghaltas na h-Alba a thaobh foghlam na Gàidhlig, agus bidh i ag obair còmhla ri ùghdarrasan foghlaim agus buidhnean eile a tha an sàs ann am foghlam na Gàidhlig.

"Tha làn fhios agam mar a dh'fheumas sinn ceanglaichean buadhach is leantainneach a thogail aig ìre ionadail agus nàiseanta leis gach buidheann a tha an sàs ann am foghlam agus cùisean Gàidhlig eile", thuirt Mona Wilson.

"Tha ùghdarrasan ionadail agus Raon an Fhoghlaim Àrd-ìre cuideachd gu math cudromach don obair gus ar n-amasan a lìbhrigeadh agus bidh mi ag obair gu dlùth còmhla riutha gus làn bhrath a ghabhail air na cothroman a th' ann", thuirt i.

Tòisichidh i na dreuchd ùir aig Bòrd na Gàidhlig air an 20mh den mhìos seo.

Thàinig an naidheachd is luchd-teagaisg 's luchd-fòghlaim eile a' tighinn còmhla Diardaoin aig cruinneachadh ann an Inbhir Nis, air a ruith le Fòghlam Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Coimheadaidh a' cho-labhairt gu sònraichte air mar a ghabhas foghlam tron Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoile a leasachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh