Fàilte is Faochadh mun Choir' Uisg'

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chaidh an 'Coir' Uisg' a chur air an t-slighe eadar Muile is an t-Òban

Tha feadhainn a bha ag iomairt gus am bàt'-aiseig, MV Coir' Uisg', a thilleadh dhan t-slighe eadar Malaig agus Armadal a' dèanamh gàirdeachais leis an naidheachd gun do shoirbhich leotha.

Rinn iad càineadh làidir air Cal Mac nuair a chaidh an soitheach a chur air an t-slighe eadar an t-Òban is Muile.

Thuirt an luchd-iomairt nach robh na soithichean a thàinig na h-àite freagarrach airson na Linne Slèitich.

Dh'innis iad gur e dà sheòladh à 428 a chaidh a chur dheth sa Ghiblean 2015.

Thuirt iad gun deach 56 seòlaidhean a-mach à 516 a chur dheth eadar an 25mh den Mhàrt agus an 23mh den Ghiblean am-bliadhna.

Tilleadh

Tha Cal Mac a-nise air aontachadh an Coir' Uisg' a thilleadh, is thathas a' tuigsinn gum bi i air ais air an t-slighe eadar Malaig agus Armadal anns na seachdainnean ri tighinn.

"Thug sinn luchd-pàrlamaid à Lunnainn agus Dùn Èideann a-steach air a' chùis agus thàinig an sgìre seo a-mach gu h-aona-ghuthach ag ràdh gun robh iad ag iarraidh an aiseig air ais, gun robh iad ag iarraidh seirbheis nas fheàrr, gun robh an rud a bh' againn bhon Mhàrt seo chaidh a' tuiteam às a' chèile, is gum feumadh a' chùis atharrachadh", thuirt cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Tha sinn uabhasach toilichte gun do dh'èist Cal Mac is Còmhdail Alba rinn.

"Nì e diofar gum bi clàr-ama coileanta ann bho là gu là.

"Tha an Coir' Uisg' comasach air a' chlàr-ama a choileanadh as bith dè an t-seòrsa mara a bhios ann no dè seòrsa sìde a bhios ann, gu ìre co-dhiù", thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach gu bheilear a' feitheamh air dearbhadh am bi bàta eile air an t-slighe cuideachd, is e ag ràdh gu bheil e an dòchas gun lean an MV Lord of the Isles leis na seòlaidhean aice air an t-slighe.

Dh'iarr e cuideachd mìneachadh bho Chal Mac air carson a chaidh an Coir' Uisg' a chur a Mhuile sa chiad dol a-mach.

Thuirt e nach bu chòir dhan leithid tachairt tuilleadh.

Rinn Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, An t-Oll. Boyd Robasdan, gàirdeachas cuideachd.

"Faochadh mòr"

"'S e faochadh mòr a th' ann dhuinn uile gu bheil seo air tachairt, gu bheil iad air gèilleadh mu dheireadh thall", thuirt an t-Oll. Robasdan.

"Bha daoine a' call earbsa san t-seirbheis. Bha luchd-obrach an seo is cha b' urrainn dhaibh a bhith cinnteach nam falbhadh iad, gum faigheadh iad air ais.

"'S e a' mhì-chinnt sin a bha a' dèanamh trioblaid gu h-àraid", thuirt e.

Thuirt an t-Oll. Robasdan gun robh e cinnteach gur e an iomairt a rinn na daoine a bu choireach gun do dh'atharraich Cal Mac am beachd.

Thuirt e cuideachd gur e eisimpleir a th' ann air mar bu chòir dha luchd-poileataigs obrachadh ris na coimhearsnachdan a tha iad a' riochdachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile