Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Liam Fee

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, gu bheil na h-ùghdarrasan a' dèanamh sgrùdadh mionaideach air aithisg mu chùram agus dìon chloinne a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart. Sgrìobh Jackie Brock aithisg air a' chùis bho chionn dà bhliadhna agus tha ise ag ràdh a-nise gu bheil cùis a' ghille bhig, Liam Fee, a' dearbhadh às ùr gu bheil leasachadh a dhìth air seirbheisean chloinne. Chaidh Liam, a bha dà bhliadhna de dh'aois, a mhurt ann am Fìobha ann an 2014 an dèidh ùine de dhroch dhìol. Chaidh a mhàthair, Rachel Fee, agus a caraid, Nyomi Fee, a dhìteadh na bu thràithe an t-seachdain seo airson a mhurt.

Referendum

Thuirt ceannard ùr an GMB, Tim Roache, gum faodadh an iomairt airson fuireach san EU an referendum a chall mura gabh luchd-taic Làbarach tuilleadh ùidh ann. Tha ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, a' dèanamh òraid an-diugh ag ràdh gun cuireadh bhòt airson fàgail còirichean luchd-obrach ann an cunnart. Agus tha Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinisteir caibineit, a' fàgail air an Riaghaltas Tòraidh gur e glè bheag de spèis a th' aca do dhragh luchd-bhòtaidh mun bhuaidh a tha in-imreachd a' toirt air sgoiltean, ospadail agus taigheadas.

Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir

Tha a' chiad shèisean ùr, nas fhaide, de Cheistean a' Phrìomh Mhinistear ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar an-diugh. Bidh trì chàirteal na h-uaireach aig buill ceistean a chur air Nicola Sturgeon, cairteal na h-uaireach nas fhaide na bh' aca. Mairidh an clàr-ama ùr seo gus an sgaoil a' Phàrlamaid airson an t-Samhraidh nuair a cho-dhùnas na buill a bheil an dreach ùr seo ag obair.

Siria

Dh'iarr na Stàitean Aonaichte, an Fhraing agus Breatainn air an UN itealain le cobhair a chur gu na sgìrean as motha a th' ann an èiginn ann an Siria. Tha Comhairle Thèarainteachd an UN a' coinneachadh a-màireach a dheasbad mar a dh'fhailich air Riaghaltas Shiria taic a chur ris an oidhirp eadar-nàiseanta air cuideachadh a thoirt dhan t-sluagh a tha a' fulang le buaidh a' chogaidh.

APD

Tha ceannardan nam port-adhair agus luchd-glèidhteachais ag argamaid a-rithist mu phlana Riaghaltas na h-Alba a' chìs-adhair APD a ghearradh gu leth agus co-chomhairle air a' chùis a' dùnadh a-màireach. Tha luchd-glèidhteachais ag ràdh nach eil gearradh a rèir targaidean an Riaghaltais airson atharrachadh na h-aimsir, ach tha na companaidhean-adhair agus na puirt-adhair ag ràdh gum brosnaicheadh e turasachd agus an eaconamaidh.

Co-labhairt

Tha co-labhairt ann an Inbhir Nis an-diugh a' deasbad leasachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig 'san àrd-sgoil. Tha luchd-teagaisg agus oifigich 's ceannardan foghlaim a' cruinneachadh aig tachartas a chuir Foghlam Alba agus Bòrd na Gàidhlig air bhonn agus iad a' coimhead ri leudachadh air na cuspairean a tha gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-àrd sgoiltean.

Stiùiriche Foghlaim

Tha Bòrd na Gàidhlig air Stiùiriche Foghlaim fhastadh airson a' chiad uair. 'S i Mona Wilson a bhoineas do Leòdhas. Tòisichidh i na dreuchd ùr aig a' Bhòrd air an 20mh latha den mhìos seo le uallach oirre airson poileasaidh foghlaim a' bhùird agus comhairle a thoirt air an Riaghaltas.