Mì-thoileachas am Muile mun Choir' Uisg'

MV Coruisk

Sgrìobh comhairliche ann am Muile gu Prìomh Mhinistear na h-Alba agus i mì-thoilichte gun tèid am bat'-aiseig an Coir' Uisg' a ghluasad far slighe Mhuile air ais dhan Eilean Sgitheanach.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle ann an Slèite is Malaig nuair a chaidh am bàta a thoirt air falbh bhon t-slighe eadar Armadal is Malaig.

Chuir Cal Mac an Coir' Uisg' air an t-slighe eadar Muile is an t-Òban, is seòlaidhean a bharrachd ann a-nise dhan eilean.

Thuirt luchd-iomairt nach robh na bàtaichean a thàinig na h-àite air Caolas Shlèite idir freagarrach.

Gàirdeachas

Rinn iad gàirdeachas an t-seachdain seo nuair a thàinig e am follais gu bheil Cal Mac a' dol a chur an Coir' Uisg' air ais gu tuath.

Thuirt BP Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abair, Iain Blackford, gu bheil Cal Mac air innse dha gur e sin a thachras.

Tha an comhairliche Muileach, Màiri Sìne Devon, a-nise ag ràdh gu bheil na Muilich a cheart cho feargach mun chùis.

Rinn na seòlaidhean a bharrachd a bh' aca bho thàinig an Coir' Uisg diofar mòr, thuirt an Comh. Devon.

"Tha drochaid aig na Sgitheanaich, chan e eilean a th' ann", thuirt an Comh. Devon.

"Annasach dha-rìribh"

"Tha e annasach dha-rìribh gun cailleadh sinne - eilean - ar aiseag a bharrachd is gun dòigh eile againn air siubhail, is gun rachadh a chur dhan Eilean Sgitheanach a tha na phàirt de Thìr Mòr", thuirt i.

Thèid strì a dhèanamh gus an Coir' Uisg' a chumail ann am Muile, gheall i.

Sgrìobh i gu Nicola Sturgeon is i ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba sùil às ùr a thoirt air a' chùis

Thuirt Cal Mac nach tàinig iad gu co-dhùnadh fhathast, agus gun tig an tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh anns na làithean ri tighinn

Tuilleadh air an sgeulachd seo