"Mì-rùn Mòr nan Gàidheal" is foghlam Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Chaidh innse do cho-labhairt air foghlam Gàidhlig nach bi an cànan beò falain anns a' choimhearsnachd mura bi barrachd chloinne a' dèanamh fòghlaim na h-àrd-sgoile anns a' Ghàidhlig.
Thàinig am beachd bho Leas-Cheannard Sgoil MhicNeacail, Aonghas MacIllInnein.
Bha e a' bruidhinn aig a' cho-labhairt a chuir Bòrd na Gàidhlig is Foghlam Alba air dòigh feuch ciamar a ghabhas foghlam Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile a leasachadh.
Ach bha teachdaireachd aige cuideachd do phàrantan aig a bheil a' Ghàidhlig.
Leudachadh
'S ann fo aois sgoile agus aig ìre na bun-sgoile a tha an leudachadh as motha air a bhith ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Ged a chaidh na h-uimhir de leasachadh a dhèanamh air cuspairean a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil cuideachd, tha mothachadh ann gu bheil feum air barrachd.
Thuirt Mgr MacIllInnein gu bheil trioblaid ann an-dràsta le dìth chuspairean aig ìre na h-àrd-sgoile.
Cùl
Tha sin a' fàgail gu bheil gu leòr de sgoilearan a' cur an cùl ri foghlam Gàidhlig nuair a dh'fhàgas iad a' bhun-sgoil.
Nì e feum mòr, thuirt e, daoine bhon choimhearsnachd a thoirt a-steach dha sgoiltean gus an cluinn sgoilearan Gàidhlig ann an suidheachadh nàdarra.
Thuirt e gu bheil sin air a bhith glè fheumail ann an Sgoil MhicNeacail.
Thog e cuideachd air suidheachadh eile a tha a' bualadh gu sònraichte air pàrantan aig a bheil a' Ghàidhlig.
Coimhearsnachd
Thuirt Mgr MacIllInnein gu bheil feum aig ìre coimhearsnachd pàrantan a bhrosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn ris an cuid chloinne.
Thog e air rud air an do ghabh e "Mì-rùn Mòr nan Gàidheal".
"Tha mi a' faicinn gu bheil tòrr phàrantan a-muigh an siud is làn an claigeann de Ghàidhlig aca ach nach eil, fiù 's feadhainn a tha a' cur na cloinne tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, nach eil iad fhathast a' cleachdadh na Gàidhlig ris an cuid cloinne.
"Luach"
"Tha sin a' dèanamh chùisean gu math gu math duilich dha luchd-teagaisg bho chionn tha e mar nach eil a' chlann fhèin a' cur luach air a' chànan air taobh a-muigh saoghal na sgoile.
"Gus am faigh sinn seachad air sin, tha trioblaid gu bhith againn.
"Chan eil an luach ceart ga chur air a' chànan", thuirt e.