Ionad fiosrachaidh Loch Baghasdail dùinte am-bliadhna

Loch Baghsdail Image copyright Barbara Carr / Geograph

Thuirt VisitScotland nach bi an t-ionad fiosrachaidh turasachd ann an Loch Baghasdail fosgailte am-bliadhna.

Dh'innis a' bhuidheann gun do rinn iad sanasachd feuch oifigear ùr fhaighinn dhan ionad, ach gun do dh'fhaillich orra cuideigin a chur san dreuchd.

Thàinig seo aig àm nuair a bha a' bhuidheann mar thà a' coimhead air an àite a tha aig ionadan fiosrachaidh turasachd ann an gnìomhachas na turasachd.

Tha iad ag amas air àiteachan a th' ann mar thà far am bi luchd-turais a' tadhal a chur gu feum.

Thèid leithid taighean-òsta is taighean-tasgaidh a chleachdadh gus fiosrachadh a sgaoileadh.

Bhiodh sin ann a bharrachd air fiosrachadh fhaighinn air loidhne.

Sùil gheur

'S e sin an siostam a bhios ann an Uibhist a Deas am-bliadhna, is tha a' bhuidheann ag ràdh gun cum iad sùil gheur air mar a tha e ag obair.

"S e am prìomh amas a th' againn a bhith cinnteach gu bheil an t-seirbheis a tha luchd-turais ag iarraidh, gu bheil sin aca ri fhaotainn, ge bith càite a bheil iad", thuirt Stiùiriche VistScotland 's na h-Eileanan Siar, Ailean MacChoinnich.

"Mar as motha a tha an-dràsta a tha a' dol, mar eisimpleir dha na Tursachan no a-steach a thaighean-òsta, carson nach biodh am fiosrachadh an sin dhaibh, an àite a bhith a' siubhail a dh'ionnsaigh na dhà no trì ionadan fiosrachaidh a th' againn?

"Tha daoine ag iarraidh an fhiosrachaidh far a bheil iad, chan e a bhith a' dèanamh siubhail, agus tha sinne ag iarraidh sin a mhisneachadh agus piobrachadh a thoirt dhan ghnìomhachas a bhith a' dèanamh na seirbheis sin còmhla ris na seirbheisean eile a tha iad a' dèanamh.

"Sa chuid as motha de dh'àitichean, tha iad ga dhèanamh mar-thà co-dhui", thuirt e.

Thèid am fiosrachadh a thoirt dha àiteachan far am bi luchd-siubhail a' tadhal, is bidh trèanadh ann dhaibh.