Pròiseas tairgse aiseig ga sgrùdadh
- Air fhoillseachadh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' feitheamh ri fios an gabh seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar agus nan Eilean mu Thuath a shaoradh bho riaghailtean farpais an EU.
Shoirbhich le Caledonian Mac a' Bhriuthainn air a' mhìos a chaidh sa phròiseas tairgse airson seirbhisean Chluaidh agus Innse Gall.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh dol às aca fo laghan na h-Eòrpa ach an cùmhnant a chur a-mach gu farpais, mar a thachair 'son a' chiad turas ann an 2006.
Iomairt
Bha luchd-iomairt a' cumail a-mach, ge-tà, nach robh feum ann tagraidhean iarraidh idir.
Nam measg, bha am BPA Làbarach 'son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Dàibhidh Stiùbhart.
Bha Mgr Stiùbhart sa chathair aig coinneimh mun chùis san Fhaoilleach eadar Derek MacAoidh, Ministear na Còmhdail is nan Eilean aig an àm, is Aonadh an RMT.
Teckal
Dhearbh am fear a chaidh na àite san obair sin, Humza Yousaf, gun do sgrìobh an Riaghaltas agus an RMT dhan Choimisean Eòrpach air an 1mh den Ghiblean feuch an gabhadh Riaghailt Teckal a chleachdadh gus faochadh fhaighinn bhon phròiseas tairgse.
Thuirt Mgr Stiùbhart roimhe gun gabhadh teckal a chur gu feum ann an suidheachadh na h-Alba
Thuirt Mgr Yousaf gur e beachd an Riaghaltais, agus nan riaghaltasan eile a bh' ann roimhe, gum feum an cùmhnant a dhol a-mach gu farpais.
Dh'innis e, ge-tà, gu bheil an Riaghaltas air coinneachadh ris a' Choimisean, is gun deach innse dhaibh gum feum oifigich a' Choimisean rannsachadh farsaing a dhèanamh mus tig freagairt bhuapa.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2016
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2016
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2016
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain 2015