Tubaist bhàsmhor san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Chaidh boireannach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid ann an Sgonnsar san Eilean Sgitheanach tràth sa mhadainn Diluain.

Chaidh am boireannach, 21, a leagail le càr air an A87 timcheall air 01:15m.

Cha deach dràibhear a' chàir a ghoirteachadh.

Bha an rathad eadar an t-Ath Leathann agus Sligeachan dùinte ùine, ach chaidh fhosgladh goirid às dèidh 10.00.