Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach
- Air fhoillseachadh
Bhòtaidh muinntir Bhreatainn aig deireadh na mìos a bheil iad airson fuireach san Aonadh Eòrpach, air neo fàgail.
Cha b'ann an-diugh neo an-dè, ge-tà, a thòisich argamaidean mu chàirdeas Bhreatainn le ar nàbaidhean air tìr-mòr na h-Eòrpa.
Tha Iain MacAonghais air a bhith a' toirt sùil air eachdraidh na cùise.
Anns a' chiad aithris aige, tha e a' coimhead air an àm as dèidh an dàrna cogaidh.
Aig an àm sin, sheas Breatainn air ais bho aonadh sam bith sa chiad dol-a-mach.
Aithris 1 is sgrìob air ais dhan àm as dèidh an dàrna cogaidh.
Chan e seo a' chiad uair a bhios cothrom aig cuid bhòtadh air àite Bhreatainn san Roinn Eòrpach.
Bha bhòt ann roimhe ann am meadhan na sneachdadan.
Tha an dàrna aithris san t-sreath a' coimhead air an àm sin, nuair a chaidh ar toirt a-steach chun an EEC mar a bh' air aig an àm.
Aithris 2 - Breatainn is an EEC ann an 1975
Bidh mòran a' cuimhneachadh air Mairead Thatcher mar thè a sheas gu daingean an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich, ach cha robh sin buileach fìor.
Tro na 1970an, bha i ri iomairt airson Breatainn a chumail sa Choimhearsnachd Eòrpaich, mar a bh' air aig an àm.
Dh'atharraich an seasamh aice air an Roinn Eòrpa an dèidh dhi a dhol na Prìomhaire.
Aithris 3 - Linn Mhaireid Thatcher
Bidh sinn a' cluinntinn bho àm gu àm mu na cunnraidhean agus aontaidhean Eòrpach a th 'air buaidh a thoirt oirnn ann am Breatainn.
Chan eil mòran nas cudromaiche na Cunnradh Mhaastricht.
A' leanntainn air a shlighe anns an t-sreath mu eachdraidh an Aonaidh Eòrpaich, tha Iain MacAonghais a' dol air ais gu nuair a chaidh an t-Aonadh Eòrpach - mar a tha sinne eòlach air an-diugh - a stèidheachadh.
Aithris 4 - Stèidheachadh an EU
San aithris mu dheireadh san t-sreath mu eachdraidh an Aonaidh Eòrpaich, tha Iain MacAonghais a' toirt sùil air a' chiad leudachadh mòr a thàinig air an Aonadh Eòrpach - agus mar a dh'abhraich Cunnradh Lisbon na h-uimhir de chonnspaid.
Aithris 5 - Leudachadh agus Cunnradh Lisbon