EE air an càineadh ann am Barraigh

Barraigh

Thuirt an Comh. Domhnall Manford gum bu chòir dhan chompanaidh EE cùmhnantan fòn-làimhe dhaoine ann am Barraigh a stad gus an tèid lìonra na companaidh a chàradh.

Tha còrr 's trì mìosan ann bho bha seirbheis cheart aig EE ann am Barraigh, is leothsan an siognal fòn-làimhe as làidire a bha san eilean.

Dh'fhàg sin gun d' fhuair a' mhòr-chùid de dhaoine san eilean cùmhnantan leotha.

Fulang

Tha luchd-gnothaich ann am Barraigh am measg na tha a' fulang.

Bidh Dan MacMhuirich a' dràibheadh tacsaidh san eilean.

Thuirt e, mar a tha cùisean an-dràsta, gu bheil aige ri tilleadh dhachaigh tric 'son faighinn a-mach cò tha a' cur feum air.

"Tha tòrr, tòrr a bharrachd agam ri dhèanamh", thuirt Mgr MacMhuirich.

"A' ruith eadar gach ceann den eilean, tha sin a' cosg dhomh ann an diesel, agus a bharrachd air sin, an ùine a tha daoine a' feitheamh is tha mi a' call deagh ainm air sàilleabh sin.

"Is beag orm a bhith a' faicinn sin o chionn cho luath 's a dh'iarras iad an cab, tha mi 'son a bhith ann chun a' mhionaid, chan e idir leth-uair às a dhèidh", thuirt e.

Ged a chaidh gearainean gu leòr a chur gu EE, tha a' chompanaidh fhathast a' cur a-mach chunntasan dha na Barraich a h-uile mìos 'son na seirbheis.

Thuirt Seonag Irvin, a tha na manaidear aig taigh-òsta san eilean, gu bheil i a' pàigheadh mu £120 dha EE gach mìos, ged nach eil seirbheis choileanta ann.

Thuirt i gu bheil a' chompanaidh air faochadh a thoirt dha feadhainn eile san eilean, ach nach d' fhuair i fhèin an leithid idir.

Cearr

Tha seo uile gu lèir ceàrr, a rèir a' chomhairliche Bharraich, Dòmhnall Manford.

"Chan eil e idir ceart gu bheil daoine a' pàigheadh airson seirbheis, ceangailte a-steach ann an cùmhnant airson seirbheis, is gun a bhith a' faighinn na seirbheis", thuirt an Comh. Manford.

"Tha còir aig EE - is tha mise ag iarraidh orra an-dràsta - tighinn a-mach is a h-uile cùmhnant a tha sin a shracadh suas, na daoine a leigeil air falbh agus tòiseachadh às ùr nuair a dh'innseas iad dhuinn cuin a tha an t-seirbheis a' dol a bhith a' ruith mar bu chòir dhi a bhith a' ruith", thuirt e.

Thuirt EE gu bheil iad a' measadh gach iarrtais 'son airgid-dìolaidh fa-leth, is dh'iarr iad air luchd-cleachdaidh fios a chur orra.

Dh'innis a' chompanaidh gu bheil an trioblaid ann am Barraigh a chàradh na phrìomhachas dhaibh.

Thuirt fear-labhairt gur e suidhachadh tointe a th' ann is gu bheil feum air uidheamhachd shònraichte 'son a chur ceart.

Tha iad a' coimhead air fuasgladh eadar-amail a lorg, thuirt e, gus an tèid an trioblaid a chàradh, is tha iad dha-rìribh duilich mun tàire a th' aig na Barraich.

Earbsa

Gu follaiseach ge-tà, tha obair aca gus earbsa nan eileanach a chosnadh às ùr.

"Tha iad ag innse rud sam bith a thoileachas iad fhèin dhuinn", thuirt Dan MacMhuirich.

"Chan eil sgàth a' tighinn dòigheil. Cha creid mise gu bheil fios aig feadhainn aca gu bheil sinn an seo", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile