Ceist mu leasachadh oileanach

  • Air fhoillseachadh
Colaiste a' ChaisteilTùs an deilbh, Peter Barr / Geograph

Coinnichidh comhairlichean nan Eilean Siar Dimàirt gus beachdachadh air plana 'son àitichean-fuirich do dh'oileanaich ann an Steòrnabhagh.

Chan eil cinnt idir ann, ge-tà, gum faigh an leasachadh cead.

Thathas ag aithneachadh gu bheil feum air àitichean-fuirich a bharrachd do dh'oileanaich ann an Steòrnabhagh, is gu dearbha oidhirp a' dol gus Steòrnabhagh a bhrosnachadh mar bhaile oileanach.

Tha cùrsaichean ùra gus tòiseachadh.

Cha tig leudachadh ro mhòr ge-tà, gun tuilleadh àitichean-fuirich.

Mar sin, chuir Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean is Colaiste a' Chaisteil air adhart iarrtas-dealbhachaidh.

Ceann a' Bhàigh

Tha iad airson togalach ann an Ceann a' Bhàigh far an robh uair gnìomhachas bèicearachd, a leagail, is àitichean-fuirich 'son 50 oileanach a chur na àite.

Tha oifgearan-dealbhachaidh a' moladh, ge-tà, gun cuir comhairlichean an aghaidh nam planaichean Dimàirt.

Chuir 11 duine an aghaidh an leasachaidh mar-thà.

Tha iad ag ràdh gu bheil e ro mhòr is nach biodh e freagarrach 'son na sgìre.

Bu chòir dhan togalach a thogail àiteigin eile sa bhaile, tha iad a' cumail a-mach.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean, tha oifgearan-dealbhachaidh ag ràdh nach eil an leasachadh a rèir a' phlana dhealbhachaidh ionadail.

Ro mhòr

Tha iad a' dol leis an fheadhainn a rinn gearan gu bheil an leasachadh ro mhòr is nach eil e iomchaidh 'son na sgìre.

Ged tha na h-oifigearan ag ràdh gu bheil e cudromach àitichean-fuirich do dh'oileanaich a thogail, feumar sin a dhèanamh a rèir phoileasaidhean dealbhachaidh na Comhairle.

Thuirt a' chompanaidh a tha a' cur a' phlana air adhart às leth UHI nach eil an leasachadh idir ro mhòr.

Tha e riatanach, tha iad a' cumail a-mach 'son maith Colaiste a' Chaisteil agus UHI.

Beachdaichidh Comataidh Àrainneachd Comhairle nan Eilean Siar air a' phlana Dimàirt.

Feumaidh an gnothach a dhol an uairsin air beulaibh na làn-Chomhairle an ath-sheachdain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh