"Cruth-atharrachadh" air Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh

Thèid beachdan mhuinntir Uibhist iarraidh an t-seachdain seo air an t-slighe air adhart don uachdaran choimhearsnachd, Stòras Uibhist.
Tha deich bliadhna ann bho chaidh a stèidheachadh agus thathas a-nise a' beachdachadh air cruth-atharrachadh a thoirt air an uachdaran choimhearsnachd.
Thèid dreach aithisg a chur mu choinneimh muinntir an àite an t-seachdain seo gus beachdachadh air atharrachaidhean.
"Tha sinn a-nise a' dol suas gu deich bliadhna, on a thòisich Stòras Uibhist, agus anns an ùine sin tha sinn air an t-uabhas de ghnothaichean a chur air aghaidh," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil.
"Tha sinn a-niste a' coimhead air dè tha sinn a' dùileachadh a dhèanamh sna bliadhnaichean a tha romhainn.
"A bharrachd air sin, tha sinn a' coimhead air dè an structar a th' againn anns na companaidhean, agus a bheil iad iomchaidh airson na h-ìre aig a bheil sinn an-dràsta.
Ath-leasachadh
"'S e gnothaichean a chuireas agus a bhuaileas air muinntir an àite fhèin, 's e an ath-leasachadh air Loch Baghasdail airson gnìomhachas agus obraichean a thoirt a-steach dhan àite.
"Agus a bharrachd air sin, an dàrna earrann de Loch a' Chàrnain, na crainn-ghaoithe, an gabh sin cur air aghaidh.
"A bharrachd air sin tha sinn a' coimhead gu h-àraid air taigheadas agus dè an t-iarrtas a th' air sin.
"Tha sinn air faicinn, on a fhuair sinn an aiseag eadar Loch Baghasdail 's Malaig, tòrr mòr dhaoine a' tighinn an seo agus ag iarraidh àite-fuirich, fad na bliadhna cha-mhòr.
"Gnothaichean mar sin. Tha tòrr phròiseactan beaga againn far am bu chòir dhuinn an uair sin beachdachadh dè tha na daoine fhèin airson fhaicinn.
"Tha sinne an dèis a bhith a' coimhead air seo o chionn sia mìosan, a' bruidhinn ri daoine a-mach 's a-staigh, agus ga thoirt ri chèile.
"Ach 's e dreach aithisg a th' ann, agus tha sinn ro dheònach atharrachaidhean, no gnothaichean eile a chur ann, ma 's e sin a tha na daoine ag iarraidh," thuirt e.