Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ola is Gas

Tha aithisg ùr bho Bhanca na h-Alba ag ràdh gu bheil faisg air an dàrna leth de chompanaidhean ola agus gas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh air cosgaisean a ghearradh. Tha an sgrùdadh ag ràdh gu bheil an treas cuid de chompanaidhean a' coimhead ri cosnaidhean a ghearradh, agus prìs na h-ola tòrr nas fhaide ag èirigh na bha dùil.

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt an iomairt airson Breatainn a chumail anns an Aonadh Eòrpach gur e breugan a th' aig feadhainn a tha ag ràdh gum faodadh Breatainn a bhith a' pàigheadh nam milleanan not a bharrachd dhan Bhruiseil. Tha an iomairt airson fàgail den bheachd gun tig air Breatainn barrachd a phàigheadh airson cobhair a dhèanamh air dùthchannan eile aig a bheil trioblaidean eaconamach, agus airson àrdachadh ann am buidseatan an AE.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha am prìomh rathad tron Eilean Sgitheanach, an A87, fosgailte a-rithist an dèidh tubaiste anns an deach boireannach òg a mharbhadh. Bhuail càr anns a' bhoireannach, a bha 21 bliadhna de dh'aois, faisg air Sligeachan mu 01:15m an-diugh. Bha an rathad dùinte gu goirid an dèidh 10:00m, agus chuir sin maill mhòr air an trafaig, leis nach eil rathad eile san sgìre sin.

Cardowan

tha poilis fhathast a' rannsachadh buaireadh agus ionnsaighean ann an sgìre Chardowan air iomall a tuath Ghlaschu an-dè a dh'fhàg triùir dhaoine san ospadal. Chaidh dà bhana a chur nan teine cuideachd. Tha na Poilis a' sgrùdadh dhealbhan CCTV, agus a' dol bho dhoras gu doras san sgìre.

EE ann am Baraigh

Tha an comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, ag iarraidh air EE cùmhnantan fòn-làimhe dhaoine ann am Barraigh a stad gus an tèid lìonra na companaidh a chàradh. Tha còrr is trì mìosan ann bho bha seirbheis cheart aig EE ann am Barraigh, agus ged a chaidh gearain riutha tha iad fhathast a' cur a-mach chunntasan a h-uile mìos airson na seirbheis. Tha luchd-gnothaich ag ràdh a-niste gu bheil an suidheachadh a' tòiseachadh a' toirt droch bhuaidh orrasan.

Stòras Uibhist

Tha Stòras Uibhist am beachd atharrachadh a thoirt air a' bhuidhinn. Tha an t-uachdaran coimhearsnachd air a leudachadh gu mòr agus air pròiseactan a thoirt gu buil bho chaidh a stèidheachadh bho chionn faisg air deich bliadhna. An dèid ath-sgrùdaidh tha iad a' coimhead ri atharrachadh, agus thèid beachd mhuinntir an àite iarraidh le aithisg mun chùis ga foillseachadh aig coinneamhan poblach an t-seachdain seo. Bidh a' chiad tè de na coinneamhan sin oidhche Chiadain aig 7:00f ann an Talla Coimhearsnachd a' Chinn a Deas, 's an uair sin oidhche Ardaoin, a-rithist aig 7:00f, ann an Talla an Iochdair.

Oileanaich Steòrnabhaigh

Coinnichidh comhairlichean a-màireach a bheachdachadh air plana airson àiteachan còmhnaidh do dh'oileanaich ann an Steòrnabhagh. Ged a tha feum air a leithid, tha na h-oifigich dhealbhachaidh a' moladh cur an aghaidh na sgeama agus dragh orra gun toireadh an togalach droch bhuaidh air nàbaidhean.