Coir' Uisg' a' fuireach ann am Muile
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach eil dùil aca atharraichean sam bith a dhèanamh air an t-seirbheis eadar Malaig is Armadal air an t-Samhradh seo.
Dh'innis BP Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abair, Iain Blackford, an t-seachdain seo chaidh, gun robh Cal Mac air innse dha gun tilleadh am bàt-aiseig an Coir' Uisg' dhan t-slighe.
Bha sin às dèidh iomairt ann an Slèite is Malaig is am bàta air a ghluasad dhan t-slighe eadar Muile is an t-Òban.
A rèir an luchd-iomairt, cha robh na bàtaichean a fhuair iad na h-àite idir freagarrach 'son na Linne Slèitich.
Gàirdeachas
Rinn iad gàirdeachas an t-seachdain seo chaidh is coltas ann gun robh an Coir' Uisg' gus tilleadh gu tuath.
Chan e sin a-nise a thachras, a' chiad ghreis co-dhiù.
Thuirt Cal Mac nach atharraich dad am-bliadhna.
Thuirt iad, às dèidh dhaibh èisteachd ri draghan sa choimhearsnachd, gun toir iad sùil eile air far am bi na bàtaichean aca san t-Samhradh 2017.
Bidh co-chomhairle ann mun sin, thuirt iad.
Thuirt Àrd-Stiùiriche Chal Mac, Màrtainn Dorchester, gun robh iad mothachail gun robh trioblaidean ann leis na h-atharrachaidhean a rinn iad air an t-seirbheis eadar Malaig is Armadal am-bliadhna.
A rèir Mhgr Dorchester, ge-tà, tha cùisean air fàs nas fheàrr bho chaidh an clàr-ama atharrachadh, ged a gheall e gu bheil iad a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh.
Àrdachadh
Thuirt e cuideachd gu bheil àrdachadh mòr air tighinn air an àireamh de dhaoine a tha a' cleachadh na slighe, is gu bheil àrdachadh ann am Muile cuideachd bho chaidh an Coir' Uisg' a chur ann.
Sin ann no às, tha a h-uile coltas ann nach bi luchd-iomairt ann an Slèite is Malaig toilichte leis a' ghluasad ùr seo.
'S e faochadh a bhios ann, ge-tà, dhan fheadhainn ann am Muile a chaidh air an casan is dragh orra gun cailleadh an Coir' Uisg'.
Tha e coltach a-nise gum bi i aca 'son a' chòrr den t-Samhradh co-dhiù, is a' cheist a-nise càite an tèid i an uairsin.
"Feargach"
Thuirt Iain Blackford gu bheil e feargach mun chùis.
Dh'innis am BP gun do dh'innis Mgr Dorchester dha gum biodh an Coir' Uisg' a' tilleadh gu tuath, cho fad 's gum faigheadh Cal Mac cead bho Chòmhdail Alba.
Thuirt Mgr Blackford gu bheil e airson bruidhinn ri Mgr Dorchester is Ministear na Còmhdail feuch dè dìreach an suidheachadh a th' ann.
Thuirt Còmhdail Alba gur e gnothach Chal Mac a th' ann a bhith a' co-dhùnadh càite an tèid bàtaichean a chur, ach gu bheil Cal Mac a' cumail fiosrachaidh ris a' Mhinistear mu na trioblaidean air slighe Armadal - Malaig.
Thuirt a' bhuidheann gun do gheall Cal Mac dhaibh gu bheil atharraichean air a' chlàr-ama air gnothaichean a leasachadh, is gun toir iad sùil eile air a' chùis 'son clàr-ama an t-Samhraidh ann an 2017.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 1 An t-Ògmhios 2016
- 2 An t-Ògmhios 2016
- 3 An t-Ògmhios 2016