Connspaid sa Chupa Amaitearachd
- Air fhoillseachadh

Dh'fhàillig le tagradh a rinn an Taobh Siar an aghaidh Saints an Iochdair a thaobh Chupa Amaitearachd na Gàidhealtachd.
Rinn Saints an gnothach air an Taobh Siar 2-1 sa chiad chuairt den fharpais, ach bha an sgioba Leòdhasach den bheachd gun deach dithis chluicheadairean nach robh ceadaichte cluich a chleachdadh.
Choinnich comataidh smachdachaidh Cupa Amaitearchd na Gàidhealtachd air an deireadh sheachdain.
Cho-dùin iad leis nach deach innse do Saints san dòigh cheart fo riaghailtean na farpais gun robh cead aig na cluicheadairean cluich.
'S iad Saints mar sin a thèid air adhart chun na h-ath-chuairt far an cluich iad Thistle Inbhir Ùige.
Chaidh an tagahdh air fad a dhèanamh air an deireadh sheachdain.
Tha ceithir geamaichean as am bidh sgiobaidhean bho na h-eileanan.
Am Bac v Thistle Inbhir Ùige neo Saints an Iochdair
Baile a' Chnuic v An Rubha
Taigh Iain Ghròt v Na Lochan
Loch Nis v Athletic Stromness neo Juniors Phort Rìgh.