Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bun-phrìs

Tha britheamhan a' gabhail tuilleadh fianais an-diugh air plana Riaghaltas na h-Alba airson bun-phrìs air deoch làidir. Bidh luchd-lagha a' riochdachadh Càidreachas Uisge Beatha na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba aig Cùirt an t-Sèisein far am bi iad a' deasbad riaghladh bhon Chuirt Eòrpach an-uiridh gum fadaodh an lagh ùr a bhith a' bristeadh riaghailtean Eòrpach air saorsa ann am malairt.

Gàrraidhean

Bidh Comataidh Thaghte an Dìon ann an Westminster a' gabhail fianais an-diugh mun chùmhnant airson bàtaichean cogaidh ùra dhan Chablach Rìoghail a thogail aig gàrraidhean BAE ann am Baile Ghobhainn agus aig Scotstoun. Tha seo an dèidh dha na h-aonaidhean ceistean a thogail mun bhuaidh a tha dàil 'sa chùmhnant a' toirt air cosnaidhean aig na gàrraidhean sin.

Coir' Uisg'

Tha ball-pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford, a' coinneachadh ri Àrd-stiùriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Màrtainn Dorchester, agus Ministear na Còmhdail, Humza Yusaf, an-diugh agus Cal Mac ag ràdh a-niste nach bi am bàt'-aiseig, Coir' Uisg', a' tilleadh chun na slighe eadar Malaig agus Armadal. Chaidh a gluasad a Mhuile as t-Earrach, rud a chuir caothach air mòran ann ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus ann an Malaig. Thuirt Mgr Blackford an t-seachdainn seo chaidh gun deach gealltainn dhasan gum biodh am bàta a' tilleadh gu seirbheis Mhalaig agus Armadal.

Hilary Clinton

Tha Hillary Clinton gu math faisg air a taghadh mar a' chiad bhoireannach a-riamh a sheasas do phrìomh phàrtaidh ann an taghadh a' chinn-suidhe anns na Stàitean Aonaichte. Tha aithrisean ann gun do ràinig i an àireamh riochdairean a tha a dhìth orra airson a taghadh mar thagraiche dha na Deamocrataich.

Tubaist

Dh'ainmich na poilis am boireannach òg a chaill a beatha nuair a bhual càr innte faisg air Taigh-òsta Shligeachan san Eilean Sgitheanach tràth sa mhadainn an-dè. Bhoineadh Maddy Rice, a bha 21, do dh'Astràilia agus bha i a' fuireach agus ag obair anns an eilean, aig Taigh-òsta Cheann Loch ann an Slèite.

Ar n-Eileanan ri Teachd

Chuir a' bhuidheann, A'r n-Eileanan ri Teachd, a tha a' strì airson tuilleadh chumhachdan do chomhairlean eileanach na h-Alba, fàilte air aithisg a tha ag ràdh gum bu chòir barrachd smachd a bhith aca air cùisean dealbhachaidh. Tha an aithisg do Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil suidheachadh sònraichte nan ùghdarrasan eileanach a' ciallachadh gum bu chòir barrachd àite a thoirt dhaibh ann an cùisean dealbhachaidh ionadail.

Mike Ashley

Tha ceannard Sports Direct, Mike Ashley, a' freagairt cheistean aig comataidh pàrlamaid an-diugh mu chòirichean an luchd-obrach aig stor mòr na companaidh ann an Derbyshire. Bha e a' diùltadh ron a seo a dhol mu choinneimh Comataidh a' Ghnothachais ann an Taigh nan Cumantan.

A' Ghàidhlig

Dh'aidich eòlaichean agus luchd-leasachaidh cànain gum feum ceangal nas dlùithe a bhith ann eadar a' choimhearsnachd agus leasachadh na Gàidhlig. Thuirt stiùiriche na buidhne leasachaidh Soillse, an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, ma leanas cùisean mar a tha iad an-dràsta, nach bi a' bruidhinn na Gàidhlig ri chèile ach daoine proifeasanta.