Leasachadh oileanach ga dhiùltadh

Colaiste a' Chaisteil Image copyright Peter Barr / Geograph

Dhiùlt comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar cead a thoirt do phlanaichean airson àitichean-fuirich do dh'oileanaich ann an Steòrnabhagh.

Bha Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean is Colaiste a' Chaisteil air iarrtas-dealbhachaidh a chur air adhart.

Bha iad 'son togalach ann an Ceann a' Bhàigh far an robh uair gnìomhachas bèicearachd a , is iad airson àitichean-fuirich 'son 50 oileanach a thogail air an làraich.

Thathas ag aithneachadh gu bheil feum air àitichean-fuirich a bharrachd do dh'oileanaich ann an Steòrnabhagh, is gu dearbha oidhirp a' dol gus Steòrnabhagh a bhrosnachadh mar bhaile oileanach.

Bha oifgearan-dealbhachaidh a' moladh gun cuireadh comhairlichean an aghaidh nam planaichean.

Ro mhòr

Bha dragh orra gun robh an leasachadh ro mhòr is nach robh freagarrach 'son na sgìre.

Dh'aontaich Comataidh Àrainneachd Comhairle nan Eilean Siar ris a sin is iad a' bhòtadh an aghaidh nam planaichean.

Aig a' cheart àm Dimàirt, thug a' chomataidh cead do dh' Àrd Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, a rinn sgaradh bho Àrd Eaglais na h-Alba 'sa bhaile, eaglais ùr a thogail.

Bhiodh an eaglais faisg air Slighe Mhic a' Ghobhainn sa bhaile.

Feumaidh na cùisean fhathast a dhol air beulaibh na làn-Chomhairle an ath-sheachdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile