"Bheachdaich sinn air a' Choir' Uisg' a ghluasad"
- Air fhoillseachadh
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun do bheachdaich iad air an MV Coir' Uisg' a ghluasad air ais air slighe Mhalaig - Armadal, ach gun do cho-dhùin iad nach gabhadh a dhèanamh gun fìor dhroch bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan eile.
Thòisich iomairt ann an Slèite is Malaig nuair a ghluais Cal Mac an Coir' Uisg' a Mhuile am-bliadhna.
Dh'innis BP Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abair, Iain Blackford, an t-seachdain seo chaidh gun tilleadh am bàta gu tuath.
Dearbhadh
Thuirt Mgr Blackford gun robh e air dearbhadh fhaighinn bho Chal Mac gur e sin a thachradh.
Chuir sin an ceòl air feadh na fighle ann am Muile, is daoine an sin 'son an Coir' Uisg' a chumail.
'S ann an uairsin ann an Slèite is Malaig a bha daoine air an casan an t-seachdain seo nuair a dh'innis Cal Mac nach robh iad a' dol a ghluasad a' bhàta idir.
Tha Cal Mac a-nise air brath a sgaoileadh.
"Ged a tha Mgr Blackford ceart gun robh sinn a' coimhead air mar a ghabhadh an MV Coir' Uisg' a chur air ais air an t-slighe eadar Malaig is Armadal, cha deach a dhearbhadh", thuirt fear-labhairt bho Chal Mac.
Faiceallach
"Nuair a thathar a' beachdachadh air atharraichean mar seo, feumar cuideachd meòrachadh gu faiceallach air a' bhuaidh air sgìrean eile.
"San t-suidheachadh seo, bhathas a' faireachdainn nach b'urrainn an Coir' Uisg' a chur air ais a Shlèite gun buaidh mhòr air grunn choimhearsnachdan eile.
"Choimhead sinn air a h-uile roghainn a th' ann a thaobh na slighe eadar Malaig is Armadal, agus leis mar a tha cùisean air a bhith bho dh'atharraich sinn an clàr-ama, cho-dhùin sinn gur e gnothaichean fhàgail mar a tha iad a tha am fuasgladh as fheàrr a th' againn an-drasta", thuirt e.
Thèid an suidheachadh a dheasbad oidhche Mhàirt aig coinneimh eadar Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, Iain Blackford, is Còmhdhail Alba agus Cal Mac.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 7 An t-Ògmhios 2016
- 6 An t-Ògmhios 2016
- 1 An t-Ògmhios 2016