Tuilleadh strì airson a' Choir' Uisg'

Coir Uisg

Gheall buill phàrlamaid an Eilein Sgitheanaich ann an Holyrood agus aig Westminster gun cùm iad orra a' strì airson a' bhàt'-aiseig, an Coir' Uisg', a toirt air ais chun na seirbheis eadar Malaig agus Armadal.

Agus tha Ceit Fhoirbeis agus Iain Blackford ag ràdh nach eil bàtaichean gu leòr aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus gu feum iad sin a chur ceart.

Dh'innis Cal Mac Diluain nach deigheadh am bàta air ais air an t-slighe eadar Malaig agus Armadal as t-samhradh, mar a bha Iain Blackford air a ràdh an t-seachdainn a chaidh.

Thuirt Cal Mac Diciadain gun do bheachdaich iad air an MV Coir' Uisg' a ghluasad air ais air slighe Mhalaig - Armadal, ach gun do cho-dhùin iad nach gabhadh a dhèanamh gun fìor dhroch bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan eile.

Thòisich iomairt ann an Slèite is Malaig nuair a ghluais Cal Mac an Coir' Uisg' a Mhuile am-bliadhna.