Barrachd thaighean gan iarraidh airson na tuath
- Air fhoillseachadh

Tha fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir sgur a thogail na h-uidhir de thaighean timcheall baile Steòrnabhaigh agus barrachd a thogail a-muigh air an tuath - gu h-àraid ann an sgìrean iomallach.
Thuirt Tormod Dòmhnallach nach robh fiùs cosnaidhean anns na sgìrean sin cho cudromach ri taighean a b' urrainn do dhaoine òga a cheannach no fhaighinn air màl reusanta.
Thuirt e gu robh cunnart ann gu robh a' chomhairle a' dol sìos an aon slighe ri bailtean mòra eile air feadh Alba, agus a' tarraing a' bheatha às na sgìrean a tha gan cuairteachadh.
Bha e ag ràdh: "Feumaidh sinn sùil gu math geur a chur ri seo anns na h-eileanan air sgàth 's gu bheil sinn a' ruighinn an ìre a-nis far a bheil coimhearsnachdan iomallach ann am fìor chunnart a thaobh crìonadh sluaigh, agus chan e a-mhàin na h-àireamhan, ach gur e seann daoine a tha gu bhith air am fàgail às an dèidh, agus tha e gu bhith duilich dhuinne seirbheisean a lìbhrigeadh dha daoine anns an t-suidheachadh sin."