A bheil planaichean Gàidhlig ag obrachadh?
- Published
Chan eil barrachd dhaoine a' bruidhinn na Gàidhlig air sgàth planaichean cànain, a rèir sgrùdaidh a rinneadh an Steòrnabhagh.
B' e 9% de chòmhraidhean a bh' anns a' Ghàidhlig an Steòrnabhagh nuair a chaidh an sgrùdadh a dhèanamh - agus cha robh àiteachan le planaichean Gàidhlig càil na b' fheàrr na feadhainn às an aonais.
Sin a thaobh a' mhòr-sluaigh, ach bha an luchd-obrach na bu dualtaich a' Ghàidhlig a bhruidhinn far an robh plana cànain.
Thuirt Inge Birnie à Oilthigh Obar Dheathain a tha a' dèanamh an sgrùdaidh: "Tha tòrr Gàidhlig fhathast ann an Steòrnabhagh agus tha Gàidhlig ga cleachdadh ann an àiteachan eadar-dhealaichte - àiteachan gun planaichean cànain agus àiteachan le planaichean cànain - chan eil diofar ann eadar iad dha-rìribh."