Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neach Ainmichte

Tha deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air sgeama chonnspaideach an neach ainmichte a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh. Tha na pàrtaidhean dùbhlain a' gearain air sgeama an SNP, a chuireadh daoine ainmichte mu choinneimh cùram gach duine cloinne ann an Alba. Tha na Tòraidhean, a tha os cionn deasbad an latha an-diugh, ag iarraidh dàil a chur sa sgeama sin.

Referendum

Thuirt ceannard nan Libearalach Deamocratach gu dòcha nach bi seasamh laghail aig referendum an EU an dèidh na trioblaid le clàradh son bhòtadh air-loidhne. Bhrist an làrach-lìn oifigeil ron cheann-ama aig meadhan-oidhche an-raoir agus tha Tim Farron ag ràdh gur ann air luchd-bhòtaidh òga agus an iomairt son fuireach anns an EU as motha a thug sin droch bhuaidh. Tha na Làbaraich agus an SNP cuideachd am measg na tha ag iarraidh leudachadh air a' cheann-ama sin. Thuirt an Riaghaltas gun do chlàr leth-mhillean duine an-dè agus gur e cho mòr sa bha an t-iarratas as coireach gun do bhrist an siostam.

BHS

Bidh buill ann an Taigh nan Cumantan a' ceasnachadh an duine a bha os cionn na companaidh butha BHS nuair a chaidh i fodha. Cheannaich Dominic Chappell BHS air not an-uiridh. Tha esan dha chàineadh son gun do ghabh e airgead son rianachd na buidhne, fiùs mus deach BHS fodha.

Linne Fhoirbhe

Thàinig dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba nach bi an drochaid ùr air Linn Fhoirbhe fosgailte mar a bha dùil. Bha Drochaid Queensferry ri bhith deiseil anns an Dùbhlachd am bliadhna, ach cha tachair sin. Thèid tuilleadh fiosrachaidh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba a-rithist mun t-suidheachadh.

An Coir' Uisg'

Gheall buill phàrlamaid na sgìre ann an Holyrood agus aig Westminster, Ceit Fhoirbeis agus Iain Blackford, gun cùm iad orra a' strì airson a bhàt'-aiseig, Coir' Uisg', a thoirt air ais chun na seirbheis eadar Malaig agus Armadal. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh a-niste nach bi i a' tilleadh a Muile, ged a tha Iain Blackford a' cumail a mach fhathast gun deach gealltainn dhasan gur e sin a thachradh. Agus tha iad ag ràdh le chèile nach eil bàtaichean gu leòr aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus gu feum iad sin a chur ceart.

Taighean

Tha fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar ag iarraidh nas lugha de thaighean ùra a thogail timcheall Steòrnabhaigh is barrachd dhiubh a chur a-muigh air an tuath. Thuirt Tormod Dòmhnallach gu bheil taigheadas fìor chudromach ann a bhith a' glèidheadh dhaoine òga anns na sgìrean iomallach agus gum bu chòir do phoileasaidh dealbhachaidh na comhairle spèis a thoirt dha sin.

Comhairliche saidheans

Chaidh an t-Ollamh Sheila Rowan bho Oilthigh Ghlaschu fhastadh mar chomhairliche saidheantaificeach do Riaghaltas na h-Alba. Tha an dreuchd air bhith bàn bho dh'fhalbh an t-Ollamh Muffy Calder ann an 2014. Bidh an t-Ollamh Rowan a' toirt comhairle neo-eisimeileach dhan riaghaltas air cùisean saidheantaificeach.