Càirdean Marilyn Monroe gan sireadh

Marilyn Monroe Image copyright Getty Images
Image caption Tha 90 bliadhna bho rugadh Marilyn Monroe

Tha oidhirp a' dol airson Albannaich a tha càirdeach dhan chleasaiche ainmeil Marilyn Monroe a lorg.

Tha Clann an Rothaich USA a' coimhead air an son.

Bhuineadh sinnsearan màthair Marilyn Monroe do dh'Alba.

Tha dùil gur saighdear am fear aca a chaidh a dh'Aimearagaidh - anns 17mh linn.

Tha an comann air a bhith a' tabhann deuchainnean DNA air fireannach leis an ainm Rothach, le buntanas ris a' Ghàidhealtachd, is iad an dòchas barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn teaghlach Marilyn.

Seallaidh iad ris an Y chromosome - a th' ann am fireannaich a-mhàin 's nach eil ag atharrachadh mòran bho ghinealach gu ginealach.

B' ann 90 bliadhna bhon a' mhìos seo fhèin a rugadh Marilyn Monroe.

Bhàsaich i ann an 1962 aig aois 36.