Cead banca do chomataidhean ionaltraidh

Thuirt Coimisean na Croitearachd gum faod comataidhean ionaltraidh airgead a chumail anns a' bhanca cho fads gu bheil planaichean aca airson a chosg agus gun d' fhuair iad taic a' mhòr-chuid de chroitearan anns a' bhaile.

Tha seo a' tighinn às dèidh seachdainean de mhì-chinnt far an tug iad air dà chomataidh ionaltraidh an t-airgead a bh' aca a roinn a-mach.

Chaidh cur às dha na comataidhean agus chaidh constabail a chur nan aite.

Tuilleadh air an sgeulachd seo