Comataidhean ionaltraidh "garbh cudromach"

Tha Coimisean na Croitearachd air brath a chur a-mach ag ràdh gu bheil comataidhean ionaltraidh garbh cudromach agus gum faigh iad a h-uile taic - fhad 's a leanas iad na riaghailtean.

Tha an Coimisean ag ràdh gum faod comataidhean airgead a chumail anns a' bhanca cho fad' s gu bheil planaichean aca airson a chosg 's gu bheil taic a' mhòr-chuid de chroitearan a' bhaile aca.

Tha mì-chinnt air a bhith ann son grunn sheachdainean anns an deach dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas a chur ma sgaoil, agus connstabail a chur nan àite.

Chaidh Coimiseanair nan Eilean Siar, Murchadh MacIllinnein, às àicheadh gun deach riaghailtean ùra a chur an sàs 's nach robh fios aig croitearan mun dèidhinn.

Thuirt e: "Chan e riaghailtean ùra a th' ann idir - tha fios aig a h-uile baile mu dheidhinn na 'regulations' aca fhèin."

A thaobh a bhith a' roinn airgid nan comataidhean am measg nan croitearan, bha e ag ràdh: "Bha fios aig a h-uile duine nan tigeadh airgead a-steach, le 'resumptions' mar eisimpleir, gum bu chòir dhan sin a dhol a-mach 'straight away' gu na croitearan anns na bailtean."