Sianal Gàidhlig ann an cunnart?

Tha cunnart ann nach bi sianal Gàidhlig ann ma 's e 's gu lean argamaidean mu na th' air, seach coimhead ris na dùbhlain mhòra a tha ri tighinn.

Sin beachd a' chraoladair Ùisdean MacIllInnein a bha a' bruidhinn aig co-labhairt na buidhne leasachaidh Soillse.

Tha an riaghladair, Ofcom, a' rannsachadh gearain an-dràsta gu bheil cus Beurla air BBC Alba.

Ged a tha Ùisdean MacIllinnein a' gabhail ri draghan na buidhne iomairt 'Gàidhlig TV', tha e ag ràdh gu bheil atharrachaidhean didsiteach agus plana airson sianail telebhisein Albannach fa leth nan cunnart nas motha.

Thuirt e: "Tha cuid dhe na rudan a tha sinn a' dèanamh fìor mhath - 's dòcha nach eil sinn a' coimhead air na rudan sin cho tric sa tha còir againn, a bharrachd air a bhith a' coimhead air na rudan nach eil a' còrdadh rinn agus na rudan a tha doirbh.

"Ach, mur a seas sinn air ais agus mur a coimhead sinn ris an dealbh mhòr, cha bhi sinn a' coimhead air dealbh idir."