Ceist mu ionad an SRUC an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Chuir am BPA Iain Finnie as leth Colaiste Tuath na h-Alba gu bheil iad air a' mhòr-shluagh agus luchd-poileataigs a mhealladh mu na planaichean aca airson ionad faire thinneasan agus deuchainn-lann an Inbhir Nis.

Às dèidh dhaibh co-chomhairleachadh a dhèanamh, dh'innis Colaiste Tuath na h-Alba air a' mhìos a dh'fhalbh gun gluaiseadh iad gu togalach eile an Inbhir Nis agus gun deigheadh an làrach aig Drummond Hill a reic.

Lùghdachadh

Ach a-nis, tha Iain Finnie, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba innse dè dha-rìribh a tha a' tachairt às dèidh dha cluinntinn nach bi uiread de sheirbheisean ri fhaodainn aig an àite ùr.

Thuirt am Ball Uaineach airson na Gàidhealtachd gu bheil esan a' tuigse nach bi deuchainn-lann ann.

Bha e ag ràdh gu feumar faighinn a-mach dè bhiodh sin a' ciallachadh airson sgrùdadh thinneasan - an dà chuid airson beathaichean agus daoine.

Thuirt a' cholaiste nach eil iad idir air a bhith a' mealladh dhaoine agus gum biodh iad glè thoilichte bruidhinn ri Iain Finnie airson cùisean a mhìneachadh.

Seirbheis làidir

Tha iad ag ràdh gun glèidh iad seirbheis làidir an Inbhir Nis.

Thuirt iad gu bheil planaichean gan cur an sàs airson ionad deuchainnean bàis, agus gu bheil goireasan deuchainn-lainn aig Beechwood mu thràth.