Aithisg gu neach-casaid a chrùin mu thubaist air an A9

Chaidh fios a chur gu neach-casaid a chrùin mu fhireannach 47 bliadhna a dh'aois às dèidh tubaist air an A9 Diciadain a dh'fhàg dithis dhràibhearan air an goirteachadh.

Bha dà chàr agus làraidh anns an tubaist a thachair deas air Dail Chuinnidh mu 14:55.

Chaidh aithris an toiseach gur e aon chàr a bh' ann.

Chaidh na dràibhearan - fireannaich a th' anns an dithis aca - a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mòir.

Tha Poilis na h-Alba ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart.

B' e Volkswagen Passat agus BMW dubh na càraichean a bh' anns an tubaist.