Gealltanas mu thaic CAP
- Air fhoillseachadh
Gheall Rùnaire ùr na h-eaconomaidh dùthchail, Fearghas Ewing, gum faigh tuathanaich agus croitearan taic-airgid CAP ann an ùine nach bi fada.
Diciadain, sheachainn Riaghaltas na h-Alba càin de chòrr is millean not nuair a rinn an Coimisean Eòrpach leudachadh air an ùine a gheibh iad airson an taic-airgid a phàigheadh.
Thuirt na Tòraidhean gun robh an riaghaltas fortannach gun deach an ceann-ùine a leudachadh chun Dàmhair.
Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach ag ràdh nach fhaod an còrr dàil a bhith ann.
Bha Maighstir Ewing ag ràdh gu bheil a' mhòr chuid de dhaoine air a mhòr chuid dhen airgead air a bheil iad airidh fhaighinn, agus nach fhada gus bi na suimeannan slàn e aig a h-uile duine.