Seirbheis bhus air tìr-mòr do CNES?

Thèid sgrùdadh a dhèanamh feuch am biodh e comasach do Chomhairle nan Eilean Siar seirbheis bhus eadar Inbhir Nis agus Ulapul a ruith.

Tha gearainean ann gu bheil an aon chompanaidh a tha a' ruith na seirbheis, Citylink, a' fàgail luchd-siubhail gun dòigh faighinn dha na cinn-ùidhe aca ach còmhdhail eile a lorg neo tacsaidh daor a phàigheadh.

Tha fear-gairm na comhairle, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gun tèid iarraidh air a' chompanaidh bhus thighinn a bhruidhinn riutha an toiseach ach gun toir iad sùil am b' fhiach dhaibh pèin seirbheis a chur air dòigh dhan dà chuid eileanaich agus luchd-tadhail.

Bha e ag ràdh: "'S e an rud a b' fheàrr a b' urrainn tachairt nam biodh Citylink deònach cùisean atharrachadh agus dèanamh cinnteach às gum biodh busaichean ann airson a h-uile duine a bha airson siubhal.

"Sin an rud a b' fhasa, 's e b' fheàrr bhon taobh againne, ach chan urrainn dhuinn an suidheachadh fhàgail mar a tha e agus daoine air am fàgail ann an Inbhir Nis, no gu bheil iad a' dol gu cosgais mhòr airson tacsaidhean an toirt a dh'Ulapul."