Gàidhlig.TV - "an cànan ann an cunnart"

Tha an cuideam air a bhith cleachdadh na Beurla air BBC ALBA a' cur Gàidhlig ann an cunnart, a rèir na buidhne iomairt Gàidhlig.TV.

Bha iad a' freagairt phuingean a thog an t-Oll Ùisdean MacIlInnein na òraid aig co-labhairt Shoillse an t-seachdain-sa.

Thuirt an t-Oll. MacIllInnein gu bheil cunnart ann nach bi sianail Gàidhlig ann ma bhios daoine ag argamaid mu na th' air BBC ALBA, seach a bhith a' coimhead ris na dùbhlain a tha ri tighinn.

Cunnart

Ged a tha an t-Oll. MacIllinnein a' gabhail ri draghan Gàidhlig TV', tha e ag ràdh gu bheil atharrachaidhean didsiteach agus plana airson sianail telebhisein Albannach fa leth nan cunnart nas motha.

Thuirt Gàidhlig.TV gu bheil iadsan air a bhith a' coimhead ris na dùbhlain mhòra a tha mu choinneamh craoladh na Gàidhlig bho chionn greis.

Cus Beurla

Tha Ofcom an-dràsta a' rannsachadh ghearain gu bheil cus Beurla air BBC Alba.

Thuirt Aonghas MacNeacail bhon bhuidhinn Gàidhlig.TV: "Tha fada cus Beurla ga nochdadh air an t-sianal Ghàidhlig an-dràsta agus tha sin ga lagachadh (a' Ghàidhlig) a bharrachd air sìon sam bith eile.

"Tha mise dhen bheachd gu bhu chòir dhan t-sianal Ghàidhlig a bhith sàbhailte air adhbharan poileataigeach agus moralta gun guth air guth eile - chan eil àite sam bith eile dhuinn ann an craoladh ach tron t-sianal againn fhìn, agus bhiodh e gu math doirbh do riaghaltas sam bith a ràdh tha sinn a' dol a chur às dha."