Ceist mu phoileasaidhean mara

Tha fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar a' ceasnachadh carson a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ri sgìre ghlèidhte aig muir a tha a' dol bho Ìle gu Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas nuair a thathas a diùltadh taic a chur ri iomart bàta-slaodaidh a chur dhan Chuan Sgìth.

Tha Tòrmod Dòmhnallach ag ràdh nach eil sin a' deànamh ciall leis gu bheil an riaghltas, na bheachd-san, an cunnart cothroman cosnaidh a sgrios, agus air an làimh eile, gu bheil iad a' fàgail na sgìre fosgailte do sgrios àrainneachd.

Thuirt e: "Tha sinne an-dràtsa a' strì airson bàta-slaodaidh a bhith againn anns a' Chuan Sgìth airson dìon a chur air an àrainneachd gu ìre mhòr agus cuideachd a thaobh sàbhailteachd, agus chan eil an riaghaltas deònach, aig an ìre-sa co-dhiù, an sporan aca fhuasgladh airson dèanamh cinnteach às gum bi am bàta-slaodaidh a tha sin ann anns an àm a tha ri teachd, agus bhiodh sin ann fhèin a' dìon na h-àrainneachd phrìseil a tha an sin gu ìre ann a bhith a' cur bacadh air bàtaichean-iasgaich no tancairean a dhol air tìr air a' chladach."