Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Itealan

Tha iomairt air tòiseachadh às ùr ann an Sruth na Maoile, feuch lorg fhaighinn air itealan beag a chaidh a dhìth far chladaichean Shiorrachd Aontroim. Dh'fhàg an t-itealan "microlight" port-adhair baile Dhoire madainn an-dè, air an t-slighe dhan Sròn Reamhar. A-raoir, bha heileacoptairean is bàtaichean-teasargainn a' feuchainn ri sgeul fhaighinn air aig muir, ach chuir ceò stad air an oidhirp. Bha dithis air bòrd an itealain.

Ola

Dh'fhaodadh còrr air 120,000 cosnadh a bhith air an call ann an Alba ro dheireadh na bliadhna, ri linn a' chrìonadh ann an gnìomhachas a' Chuain a Tuath. Sa bhliadhna a dh'fhalbh, tha prìs ìosal na h-ola air call mòr a dhèanamh air an roinn, is a rèir a' bhuidhinn Ola is Gas na Rìoghachd Aonaichte, tha tuilleadh chosnaidhean gu bhith air an call am bliadhna ma leanas cùisean.

Cyan Blake

Dh'aidich bràmair Cyan Blake, bana-chleasaiche a bh' ann an Eastenders, gun do mhuirt e i agus an dà leanabh aice cuideachd. Nochd Artair Simpson-Kent, a tha 49 bliadhna a dh'aois, air ceangal bhideo dhan chùirt ann an Lunnainn an-diugh. Theich Simpson-Kent a Ghana as dèidh nam muirt. Chaidh Cyan Blake agus an dà bhalach aice, Zachary a bha ochd is Amon a bha ceithir, a lorg marbh anns an dachaigh aca san Fhaoilleach.

Teine

Tha fireannach san ospadal, is e air a dhroch losgadh às dèidh teine ann an carabhan air taobh sear Siorrachd Àir. Thuirt na poilis gu bheil iad a' rannsachadh a bheil a' chùis co-cheangailte ri mar a chaidh corp boireannaich a lorg ann an taigh sa sgìre. Fhuair na seirbhisean èiginn lorg air às dèidh gairm-teine a fhreagairt aig Tuathanas Peacockbank.

Glèidhteachas

Chàin fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèiligeadh ri glèidhteachas mara. Thuirt an comhairliche Tormod Dòmhnallach gun robh e neo-chiallach gu bheil ministearan an riaghaltais airson raon dhen mhuir eadar Tolastadh is Ile a chomharrachadh mar sgìre ghleidhte - is iad gun càil a dhèanamh mun iomagain a th' ann mun ghainnead de bhàta-slaodaidh. Tha e ag ràdh gum faodadh am plana son sgìre ghlèidhte droch bhuaidh a thoirt air cosnaidhean.

Pòsaidhean geidh

Bhòtaidh Eaglais Easbaigeach na h-Alba an-diugh fhathast, air am bu chòir dhaibh pòsaidhean geidh a cheadachadh nan eaglaisean. Bhiodh sin gam fàgail mar a' chiad eaglais ann an co-chomann Shasannach sa Rìoghachd Aonaichte, a cheadaicheadh an leithid. Ma thèid gabhail ris aig àrd-sheanadh na h-eaglaise an-diugh, thèid e an uairsin gu na sgìrean-easbuig.