Coimisean fon phrosbaig

Caoraich

Thàinig e am am follais gun tuirt Uilleam Swann, ball de Choimisean na Croitearachd a leig dheth a dhreuchd bho chionn còrr is seachdain, ri croitearan à Mangurstadh ann an Leòdhas, gu leigeadh e dheth a dhreuchd mar a deigheadh dèiligeadh riutha gu cothromach.

Tha riochdairean a' choimisein a' coinneachadh ri Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar Diluain, an dèidh dhan choimisean dà chomataidh ionaltraidh a chur às an dreuchd.

Cuideachd, tha am Ball Pàrlamaid Albannach Rhoda Ghrannd air grunn cheistean sgrìobhte a chur chun riaghaltais - nam measg, a bheil iad a' dol a rannsachadh obair a choimisein agus a bheil earbsa aca ann am Fear-gairm a Choimisein, Cailean Ceannadach.

Tha Mgr Ceannadach agus Àrd-oifigear a' Choimisein, Catriona NicIlleathain, a' coinneachadh Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar madainn Diluain.

Tha dithis dhe na buill a chuir ministearan air a' choimisean air fàgail a-nis, agus feumaidh ministearan co-dhùnadh an tèid feadhainn nan aite mus tig an ath thaghadh airson a choimisean sa Mhàrt sa tighinn.