Barrachd luchd-baidhseagail

Mark Beaumont Image copyright Kieran Duncan
Image caption Am fear-baidhseagail ainmeil Mark Beaumont aig Rubha Robhanais is e air a dhol tro na h-Eileanan Siar air baidhsagal ann an 24 uairean a thìde na bu tràithe am bliadhna.

Tha an àireamh de luchd-turais a tha a' dol dhan na h-Eileanan an Iar air baidhsagal air a dhol suas gu mòr, chun na h-ìre agus gu bheilear a-nis a' cur feum air barrachd ghoireasan air an son.

Chaidh iomairt shònraichte son an tàladh a chur air chois am bliadhna, agus tha coltas ann gu bheil e air a bhith soirbheachail mu thràth.

Chaidh Slighe Innse Gall - fiosrachadh agus prògram do luchd-baidhsagail - a chur air dòigh am bliadhna.

Chaidh a chur air bhog leis an neach-baidhseagail Albannach Mark Beaumont.

A-nis, thèid comhairle oifigeil a sgaoileadh gu àiteachan fuirich anns na h-eileanan airson an deasachadh airson àrdachadh ann an luchd-turais le baidhseagalan.

Thuirt Màiri Anna NicÌomhair bhon bhuidhinn Turasachd Innse Gall: "Tha e math gum bi fios aca dè tha iad a' lorg - sin àite far am faigh iad air na baidhseagalan aca a chumail air an oidhche gus nach eil iad a-muigh, agus cuideachd nuair a tha an t-uisge ann, gum bi àite ann far am faigh iad air an aodach fliuch aca a thiormachadh."