Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Ghabh a' chùirt 's àirde 'san Aonadh Eòrpach ri còir Bhreatainn air smachd a chuir air sochairean chloinne do luchd-imrich Eòrpach - fear de na prìomh chuspairean ann an deasbad referendum an EU. Chuir Cùirt Cheartais na h-Eorpa às do thagradh a rinn an Comisean Eòrpach an aghaidh riaghailtean na Rìoghachd Aonaichte.

Ceannairc

Thuirt Riaghaltas na Frainge gur e ceannairc a bh' ann am murt oifigear poilis agus a chàraid faisg air Paris. Thug fear, a' guidhe taic dhan Stàit Ioslamaich, ionnsaigh le sgithinn air an oifigear poilis aig a dhachaigh. Fhuair polais corp a' cheannaircich agus corp boireannaich anns an taigh. Bha gille beag trì bliadhna de dh'aois anns an taigh ach cha deach esan a leòn.

Atharrachadh na h-aimsire

Thàinig Alba air an targaid son atharrachadh na h-aimsire son a' chiad uair bho chaidh na h-ìrean a stèidheachadh an toiseach ann an 2010. Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air gearradh de 42% ann an gasaichean carbon ro 2020 agus 80% ro 2050. Tha na h-àireamhan 's ùire an 2014 ag ràdh gun deach lùghdachadh de 45.8 % a dhèanamh mu-thràth.

Orlando

Tadhlaidh an Ceann-suidhe Obama air Orlando an earar far an coinnich e ri teaghlaichean agus feadhainn eile a chaill càirdean san ionnsaigh air club gèidh. Tha aithrisean ann gun thadhail am fear-gunna, Omar Mateen, air a' chlub sin na h-uidhir de thursan. Tha na h-ùghdarrasan fhathast a' feuchain ri faighinn a-mach carson a rinn e an sgrios agus an tug feallsanachd na Stàite Ioslamaich buaidh air.

Comhairlean

Tha ceannardan comhairle nam bailtean ann an Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh chumhachdan a thoirt dhaibh air rudan mar cìsean ionadail, cosgaisean agus air pròiseactan mòra bun-structair. Thuirt ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, gu bheil fèin-riaghladh den t-seòrsa sin aig mòran bhailtean ann an Sasainn mur-thràth.

Sgeamaichean hydro

Tha ceistean as ùr ann mu sgeamaichean hydro coimhearsnachd an dèidh do phlanaichean airson sgeama ann an Cataibh tuiteam às a' chèile. Chan eil àite gu leòr air a' Ghrid Nàiseanta aig tuath airson na tha dùil ri tighinn à sgeama hydro an Uillt Mhòir ann an Goillspidh. Ged a thug iad còrr 's sia bliadhna a' feuchainn ri chuir air chois dh'fhailich orra taic-airgid fhaighinn, leis cho beag 's ghabhas a chuir air a' Ghrid.

Eaglais ùr

Chuir còrr 's ochd ceud duine an ainm ri ath-chuinge an aghaidh eaglais ùr ann an Steòrnabhagh. Tha co-thional na h-Àrd Eaglaise Saoire ag iarraidh eaglais ùr a thogail far am biodh ceithir fichead àite paircidh do chàraichean. Dhealaich an co-thional sin bho Eaglais na h-Alba bho chionn dà bhliadhna nuair a cheadaich an eaglais ministearan gèidh. Ach tha na planaichean connspaideach leis gum biodh aca ri craobhan a leagail agus tha feadhainn ag ràdh gu bheil toglaichean falamh sa bhaile a dh'fhaodadh iad a chuir gu feum.