Iomairt an aghaidh eaglaise

  • Air fhoillseachadh

Chuir còrr is 800 duine an ainmean ri ath-chuinge an aghaidh eaglais ùr ann an Steòrnabhagh.

Tha co-thional na h-Àrd Eaglaise Saoire ag iarraidh eaglais ùr a thogail le 80 àite-pàircidh.

Dhealaich iad bho Eaglais na h-Alba bho chionn dà bhliadhna nuair a cheadaich an eaglais sin ministearan geidh.

Ach tha na planaichean connspaideach leis gum biodh aca ri craobhan a leagail agus tha feadhainn ag ràdh gu bheil togalaichean falamh sa bhaile a dh'fhaodadh iad a chur gu feum.

Ach tha fear de dh'èildearan a' cho-thionail, Crìsdean Màrtainn, a' dìon a' phlana.

Craobhan

Thuirt e: "An t-àite anns a bheil iad ag iarraidh na h-eaglaise, 's e bìdeag glè bheag dhe na craobhan a dh'fheumas sinn buntainn ris, agus chan eil fhios aig daoine air na nithean gu lèir mu thimcheall an àite."

A thaobh na làraich, bha Mgr Màrtainn ag ràdh gun robh iad trì bliadhna a' coimhead ri diofar àiteachan agus gu bheil fios aca gun deigheadh cuid de làraich a tha daoine a' moladh dhaibh a dhiùltadh.

Àite-pàircidh

Tha cuid air draghan a thogail mun àite-pàiridh, agus thuirt Crìsdean Màrtainn gur e a' chomhairle a tha ag ràdh gu feum an t-àite-pàircidh a bhith aca.

Bha e ag ràdh ge-tà gu bheil cuid de dhaoine ann a tha dìreach an aghaidh eaglais eile: "Tha sinn a' gabhail ris na beachdan aca mu dheidhinn craobhan, nach eil mòran chraobhan ann - ach os cionn sin, tha sinn a' faicinn agus a' cluinntinn agus a' faighinn dhaoine nar n-aghaidh airson 's gu bheil eaglais eile gu bhith anns a' bhaile."

Feumaidh na planaichean a dhol tron chomhairle mus fhaigh an co-thional cead dealbhachaidh.