Stephanie Inglis "seasmhach"

Steph Inglis Image copyright PA

Tha an neach-judo, Stephanie Inglis, air a bhith a' dol tro dheuchainnean meadaigeach às dèidh dhi tilleadh a dh'Alba à Thailand.

Chaidh a ceann a leòn gu dona ann an tubaist rathaid ann am Bhietnam air a' mhìos a dh'fhalbh, agus thuirt doctairean aig an àm gur e cothrom 1% a bh' aice a bhith beò.

Ach, às dèidh dhi cùram fhaighinn ann am Bangkok, bha i math gu leòr airson a sgèith dhachaigh.

Tha Stephanie, 27, a bhuineas do Dheimhidh faisg air Inbhir Nis, a-nis ann an Ospadal an Western General ann an Dùn Èideann.

Chaidh aithris gu bheil i "seasmhach".

Choisinn i bonn airgid aig Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu ann an 2014.