Ceum doctaireachd nas giorra
- Air fhoillseachadh

Gheibh ceumnaichean cothrom doctaireachd a thoirt a-mach ann an ùine nas giorra nan àbhaist le sgeama ùr anns am bi Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean an sàs.
Tha dòchas ann gun cuidich e leis an trioblaid a th' air a' Ghàidhealtachd le dìth dhoctairean.
Dh'fhoillsich Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, fiosrachadh mun sgeama an-diugh.
'S e Cill Rìmhinn agus Dùn Dè na prìomh oilthighean a bhios ga ruith, ach bidh pàirt mhòr aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann cuideachd.
Bheir na cùrsaichean, a thòisicheas anns an fhoghar 2018, ceithir bliadhna.
Bidh na cùrsaichean doctaireachd a nì fo-cheamnaichean a' toirt còig no sia bliadhna.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid an sgeama a chur air dòigh airson na daoine as fheàrr a thàladh gu roinn slàinte na h-Alba, no a chumail anns an roinn.