"Iomnaidh mhòr" mu Choimisean na Croitearachd

Croit

Tha fear a bha roimhe na mhinistear airson croitearachd a' dol a bhruidhinn ris a' mhinistear a th' ann a-nis mu Choimisean na Croitearachd.

Tha Mìcheal Ruiseal ag ràdh gu bheil dragh mòr air mun t-suidheachadh, 's gun tog e e le Fearghas Ewing.

Tha litir fhosgailte bho Àrd-Oifigeir a' Choimisein ag ràdh nach do dh'iarr iad sgrùdadh ionmhais domhain bhon a h-uile comataidh ionaltraidh neo an t-airgead gu lèir aca a roinn a-mach.

Coinnichidh riochdairean croitearachd ann an Dùn Èideann Diciadain agus aig deireadh na mìos.

Thuirt Mgr Ruiseal gun robh iomnaidh mhòr air mu na bha an Coimisean a' co-dhùnadh 's a' dèanamh, agus gu bheil na cuspairean dham feumar freagart fhaighinn san sgìre aige fhèin ag èirigh.

Thuirt e gum biodh e a' tarraing seo gu aire Ministeir na Croitearachd Fearghas Ewing.

Chaidh dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas a chur ma sgaoil, agus dh'fhoillsich àrd-oifigear a' Choimisean, Catriona NicIlleathain, gun deach ceithir eile a chur ma sgaoil cuideachd.

Ann an litir fhosgailte chaidh i às àicheadh gun do dh'iarr an Coimisean air a h-uile comataidh ionaltraidh sgrùdadh domhain a dhèanamh air an cuid ionmhais, no gun do dh'iarr iad orra a h-uile sgillinn a bh' aca a roinn am measg nan croitearan.

Ach thuirt buill seann chomataidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas gun deach iadsan a chur ma sgaoil bho nach do rinn iad sgrùdadh domhain, agus gun robh iadsan a' tuigsinn bhon Choimisean gum feumadh iad an t-airgead a bh' aca a roinn a-mach.

Às dèidh na coinneimh ann an Dùn Èideann Diciadain, thèid na cuspairean a thogail a-rithist aig coinneimh de bhuidhinn thar-phàrtaidh na croitearachd deireadh na mìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo