Fèill mhòr air banca-bìdhe nan Eilean Siar

Bocsa bìdhe
Image caption Ged a tha muinntir nan Eilean gu math fiadhlaidh, tha tuilleadh luchd-cuideachaidh a dhìth.

Chleachd 400 duine sna h-Eileanan Siar banca-bìdhe na sgìre an-uiridh - a rèir àireamhan bho Urras Thrussell a tha a' ruith na seirbheis gu nàiseanta.

Ach ged tha am banca-bìdhe a' faighinn taic làidir bho mhuinntir nan eilean - a thaobh na tha de stuth ga thoirt seachad - tha gainnead luchd-obrach uaireannan na thrioblaid.

Tha am banca-bìdhe ann an Steòrnabhagh fosgailte bho 11:00m gu 1:00f trì là san t-seachdain, agus feumaidh co-dhiù triùir luchd-obrach a bhith ann fhad 's a tha e fosgailte.

Chan eil e an-còmhnaidh comasach na dh'fheumas iad de luchd-obrach fhaighinn, a rèir Eilidh Ghreumaich a tha am measg an luchd-cuideachaidh aca.

"Tha obair rianachd ann, tha fòn ann - tha iomadach rud ri dhèanamh a h-uile là agus na daoine a tha ag obair gu saor-thoileach aig a' bhanca-bìdhe, tha a h-uile duine aca a' dèanamh rudeigin eile - mura h-eil iad ag obair tha iad a' dèanamh obair saor-thoileach eile".

Mura faigh iad na dh'fheumas iad de luchd-obrach chan urrainn dhaibh am banca-bìdhe fhosgladh.

"Nuair a thig iad a-steach tha sinn a' dèanamh copan teatha dhaibh agus tha iad a' faighinn àite far an suidhe iad blàth, tioram agus ma tha iad ag iarraidh - chan eil sinn a' toirt orra - faodaidh iad bruidhinn mu na tha a' dèanamh dragh dhaibh".

Bidh iad cuideachd ag innse dhan luchd-cleachdaidh aca mu sheirbheisean eile a tha ri fhaotainn dhaibh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile