Dòchas ri 100 cosnadh an Àranais
- Published
Tha dòchas gun tèid suas ri 100 cosnadh a chruthachadh ann an gàrradh Àranais ann an Leòdhas às dèidh dhan chompanaidh Bifab innse gu bheil iad air cùmhnant £100m fhaighinn airson tuath-gaoithe Bheatrice anns a' Chuan a Tuath.
Thèid an obair togail a roinn eadar gàrradh Àranais agus gàrraidhean ann am Fìobha.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gun seas an obair chun a' Ghiblein 2018.
Tha luach £2.6bn sa chùmhnant airson 84 crann-gaoithe a thogail ann an raon ola Bheatrice a-mach bho chladaichean Ghallaibh.
Fhuair Bifab cumhnant airson 26 bunait stàilinn a thogail air am bi na crainn-ghaoithe nan seasamh.
Thèid an còrr aca a thogail ann an gàraidhean air Tìr-Mòr na h-Eòrpa.
Tha Gàradh Àranais air a bhith grunn mhìosan air bonn cùraim is càraidh a-mhàin.
Tha obair eile a' tòiseachadh sa ghàradh airson dà sheacaid stàilinn, pilichean stàilinn agus deigichean do Siemens air an tèid uidheamachd a chur airson cuideachadh le a bhith a' ruith an tuath-ghaoithe.
Thuirt àrd-stiùiriche Bifab, Iain Robastan, gum biodh iad ag obair air a' chùmhnant chun a' Ghiblein 2018, agus gu bheil obair eile aca airson leasachadh ola is gas.