Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum an AE

Thug Dàibhidh Camshron an aghaidh air an iomairt airson an AE fhàgail airson a bhith a' cur teagamh ann an neo-eisimeileachd Bhanca Shasainn. Bha am Prìomhaire a' freagairt litir a chuir ceathrar àrd-Thòraidheach dhan Daily Telegraph. Tha na morairean Lamont, Lawson agus Howard, agus Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, a' fàgail air Banca Shasainn agus air Roinn an Ionmhais, gu bheil iad ri "faigheadaireachd nach eil fìor" airson eagal a chur air an t-sluagh gus am bhòt iad airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach.

Tha na còig phàrtaidhean poileataigeach as motha an Alba a' dol còmhla an-diugh a' cur taic ris an iomairt airson fuireach anns an AE. Tha iad ag ràdh gum bi Alba nas treasa 's nas fheàrr dheth le fuireach anns an Aonadh. Bidh am Ball-Pàrlamaid Làbarach, Gizela Stiùbhart, tè de cheannardan na h-iomairt airson fàgail ann an Glaschu agus ise a' cumail a-mach gun toireadh falbh às an AE tuilleadh chumhachdan do dh'Alba.

Euro 2016

Chaidh 36 duine a chur an grèim ann am baile Lille anns an Fhraing agus 16 duine san ospadal an dèidh tuilleadh àimhreit eadar luchd-taic ball-coise Sasannach agus poilis. Tha Sasainn a' cluiche na Cuimrigh an-diugh ann an Lens, faisg air Lille. Dh'iarr àrd-oifigeach Chomann a' Bhuill-choise ann an Sasainn, Màrtainn Glenn, air luchd-taic a bhith modhail agus spèis a thoirt dhan Fhraing, gu h-àraidh an dèidh muirt dithis oifigear poilis ann am Paris Diluain, agus a' cheannarc a bha an sin an-uiridh.

Cliff Richard

Cha tèid an còrr a dhèanamh mu chasaidean gun robh Sir Cliff Richard ri ionnsaighean drabasta. Thuirt Seirbheis Chasaid a' Chrùin nach eil fianais gu leòr ann airson casaidean a thogail. Bha an t-seinneadair, a tha 75 bliadhna de dh'aois, a' dol às àicheadh bho thùs gun do rinn e dad ceàrr.

Àranais

Tha dòchas ann air 100 cosnadh aig Gàradh Àranais ann an Leòdhas le cùmhnant £100m co-cheangailte ri tuath-gaoithe Beatrice. Thèid pàirtean de na crainn a thogail aig Àranais, agus thèid na crainn fhèin a chur ri chèile aig Gàradh Bhàgh an Eige air taobh sear Rois, mus tèid an cur a-mach gu muir.

Clyde Caimbeul

Tha Comhairle na Gàidhealtachd gan càineadh leis nach bi guth air sgeama chonnspaideach an Neach Ainmichte ann an rannsachadh air bàs leanaibh ann an Inbhir Nis. Chaochail Clyde Caimbeul, a bha dà bhliadhna de dh'aois, anns a' Ghearran ann an 2014, 's chaidh a mhàthair, Amanda Hardie, a chur dhan phrìosan airso deich mìosan airson cion-cùraim dhan leanabh. Thàinig e am follais an dèidh sin gun do dh'iarr Ms Hardie air luchd-obrach slàinte sguir a thadhal air an dachaigh. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà, nach eil gnothach aig sgeama an Neach Ainmichte ris a' chùis a tha seo.

Fògarraich

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil a h-uile dad deiseil airson a' chiad bhuidheann de dh'fhògarraich à Siria. Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil e an dòchas gum bi a' chiad fheadhainn dhiubh a' fuireach anns an sgìre mus coinnich an t-ùghdarras fhèin a-rithist anns an t-Sultain.