Fògarraich Shirianach a' dèanamh air na h-Eileanan Siar

Oifisean Chomhairle nan Eilean Siar
Image caption 'S e dà theaghlach a thig anns a' chiad dol a-mach.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil a h-uile goireas deiseil 's dùil ris a' chiad bhuidhinn de dh'fhògarraich à Siria anns na h-Eileanan Siar ro dheireadh an t-Samhraidh.

'S e dà theaghlach, a tha càirdeach dha chèile, a thig anns a' chiad dol a-mach agus tha dùil ri trì neo ceithir teaghlaichean eile rè ùine.

Bidh na teaghlaichean a' faighinn dhachannan ann an, neo faisg air, Steòrnabhagh.

Amaladh

Chan eil a' Chomhairle airson cus innse mu na teaghlaichean a tha a' tighinn, 's Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil iad airson 's gun tèid dèiligeadh riutha anns an aon dòigh 's a dheadh dèiligeadh ri daoine à àite sam bith eile a ghluaiseas dhan na h-Eileanan.

"Chan e càil ùr a th' ann dhan choimhearsnachd againn a bhith a' faicinn theaghlaichean a' tighinn a-steach a h-uile bliadhna - tha sin air a bhith a' tachairt bho chionn fhad an t-saoghail".

"Sin na liùgeadh sin dhaibh-san cuideachd - gum faigh iad air biadhadh a-steach dhan choimhearsnachd agus gum bi iad mar dhuine sam bith eile agus gun tèid an aon fhàilte a chur orra".

Tha iad ag aithneachadh, thuirt e, gur e àite gu math eadar-dhealaichte a th' anns na h-Eileanan Siar bhon àite às an tàinig na teaghlaichean seo - agus gum bi dùbhlain an cois an amalaidh dhaibh-san agus dhan choimhearsnachd.

Tha e misneachail ge-tà, gun tèid leotha.

"Dh'fheumadh sinn a dhèanamh soilleir dhan Riaghaltas gun robh e comasach dhuinn taic a chur riutha ann an iomadach suidheachadh eadar-dhealaichte anns na h-Eileanan - agus mura biodh sin, cha bhiodh iad a' tighinn an seo anns a' chiad àite".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile