"Beachdachadh a dhìth" aig Coimisean na Croitearachd

Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Thuirt cathraiche Comataidh Croitearachd Comhairle nan Eilean Siar gum bu chòir do bhuill Choimisean na Croitearachd gu lèir beachdachadh air a' phàirt a th' air a bhith aca sa chonnspaid mu chomataidhean ionaltraidh.

Bha Uisdean Robasdan a' bruidhinn às dèidh dha tighinn am bàrr gun do chuir Fear-Gairm a' Choimisein stiùireadh air làrach-lìn na buidhne am-bliadhna ag ràdh gum feumadh comataidhean ionaltraidh airgead a' bhaile gu lèir a roinn a-mach.

Aig coinneimh le comhairlichean Diuain, chaidh Àrd-Oifigear a' Choimisein às àicheadh gun tuirt iad an leithid de rud a-riamh.

Dhaingnich i sin ann an litir Dimàirt, agus chaidh an stiùireadh a thoirt far na làraich-lìn.

Soilleireachadh

Tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil cliù a' Choimisein am measg chroitearan air fulang.

"Than mi a' smaoineachdainn aig an àm seo gu bheil tòrr de na croitearan air am misneachd a chall air dè cho cothromach 's a tha an Coimisean," thuirt e.

"Agus tha mi a' smaoineachdainn, leis an dol air adhart, agus leis a' bhùrach a th' air a bhith ann o chionn beagan sheachdainnean, gum bitheadh coitearan san fharsainneachd gu math draghail mu rud sam bith a tha a' tighinn a-mach on Choimisean a thaobh fiosrachaidh.

"Agus ma tha duine sam bith a' dol a thoirt an aghaidh air an fhiosrachadh sin, dè tha a' dol a thachairt sna seachdainnean a tha romhainn?

"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil còir aig a' bhuidhinn uile, a h-uile coimiseanair a th' ann, gu bheil còir aca coimhead air dè tha iad air a bhith a' dèanamh anns an ùpraid a tha seo o chionn sheachdainnean, agus fhaighneachd a bheil sinn air a bhith a' dèiligeadh ri croitearachd mar a tha còir againn," thuirt e.

Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil feum air soillearachadh sa bhad, is gur e a' chomhairle a bh' ann a bu chòir a chleachdadh san eadar-ama.

"Anns an fhiosrachadh mu dheireadh a chaidh a chur a-mach, ged a thathas a' coimhead ris an fhiosrachadh a tha sin, agus an stiùireadh a tha sin, 's tha iad a' dol a dhèanamh atharrachaidh air, chan eil sin air tachairt gu ruige seo, agus le sin dheth, feumaidh iad gabhail ris an stiùireadh agus am fiosrachadh a bh' air an làraich-lìn aca bho chionn beagan 's còrr air mìos air ais, no dà mhìos air ais.

"Tha sin ag ràdh nach eil e comasach dha comataidhean ionaltraidh maoin a chumail, agus a bhith ga chumail thairis air ùine, airson pròiseactan a tha ri teachd.

"Tha mi a' smaoineachadh cuideachd gu bheil e a' toirt beagan a bharrachd lèirsinn dhuinn, air sgàth 's gu bheil am fiosrachadh sin a-nis air a thoirt às an làraich-lìn aca, agus gu bheil iad a-nis a' bruidhinn air fiosrachadh às ùr.

"Bu chòir dhaibh sin a dhèanamh cho luath 's a ghabhas, airson soilleireachadh a thoirt dha comataidhean ionaltraidh agus croitearan ach am bi fhios aca dè fèadhair an suidheachadh a th' ann," thuirt e.

Thuirt Coimisean na Croitearachd gur ann le croitearan a tha airgead sam bith a tha a' tighinn a-steach dha comataidh ionaltraidh, is gum bu chòir dha a bhith air a roinn eatorra, ach gum faodar suim a tha iomchaidh a chumail 'son obair a tha san amharc.

Thuirt iad gun tèid stiùireadh ùr a-mach dha comataidhean ionaltraidh a thèid an àite na bha air an làraich-lìn aca.