Rabhadh mu mhaorach Chaolas Èirisgeigh

  • Air fhoillseachadh

Thug Comhairle nan Eilean Siar rabhadh mu thruailleadh ann am maorach ann an Caolas Èirisgeigh.

Thuirt iad nach bu chòir do dhaoine maorach às an sgìre ithe aig an ìre seo, is gu bheil iad ag iarraidh air iasgairean gun a ghlacadh.

Sheall sgrùdadh a rinn Buidheann Inbhe a' Bhidhe ann an Alba gu bheil ìre an truaillidh nas àirde na bu chòir an-dràsta ann an Caolas Èirisgeigh.

Thuirt a' Comhairle gu bheil iad a' cumail sùil gheur air an t-suidheachaidh, is gun tèid fios a sgaoileadh nuair a dh'fhàsas cùisean nas fheàrr.