"Misneachd" mu sheirbheisean adhair chun an Eilein Sgitheanaich

Plèana
Image caption Bha seirbheisean adhair a' ruith chun Eilein Sgitheanaich gu 1988.

Thuirt am BPA Gàidhealtach Ceit Fhoirbeis gu bheil i misneachail gun gluais am plana airson seirbheisean adhair a thilleadh dhan Eilean Sgitheanach air adhart.

Thuirt Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Humza Yousaf, gu bheil e deònach coinneachadh ri feadhainn a tha an sàs anns an iomairt nuair a thèid an dàrna rannsachadh mun phlana fhoillseachadh.

Chadh ceist a thogail mun t-seirbheis ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Sgrùdadh

Tha an dàrna sgrùdadh mu dè cho comasach 's a bhiodh e seirbheisean adhair a stèidheachadh às ùr bho raon laighe Aiseig san Eilean Sgitheanach ga dhèanamh an-dràsta le Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, HiTrans agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Bha Loganair a' ruith sheirbheisean a-mach à raon-laighe Aiseig suas gu 1988.

Fhuair a' chiad rannsachadh ann an 2013 gum biodh feum air airgead calpa eadar £10m agus £15m airson seirbheisean a thòiseachadh a-rithist - ach nach cosgadh e ach eadar £2m agus £3m an raon-laighe a thoirt gu ìre.

Tha Ceit Fhoirbheis BPA a' dèanamh dheth gun dèanadh ceangal-adhair feum mhòr dhan Eilean.

"Nam beachd-sa 's e cuspair gu math cudromach a th' ann air sgàth 's gu bheil an t-Eilean Sgitheanach a' fàs nas ainmeile gach bliadhna agus tha sin a' ciallachadh gu bheil barrachd dhaoine a' tadhal air an eilean agus tha malairt a' fàs".

"Bhiodh e na b' fhasa do dhaoine a tha a' tadhal air an eilean agus bhiodh e na b' fheàrr do ghnìomhachasan fàs air an eilean".

Tuilleadh air an sgeulachd seo